Main content

Briosgaidean Brisg-chagnaidh

Nì seo mu 18-20

80g siùcar bog ruadh
125g ìm bog gun salann
2 spàin-bhùird siorap
175g flùr a dh’èireas
50g rus bhrisge
50g criomagan teòclaid

Cuir air an àmhainn gaoithe aig teas 140C.

Ann am bobhla mòr buail ri chèile an t-siùcar, an t-ìm agus an t-siorap feuch ach am fàs iad aotram is mìn.

Cuir ris am flùr agus cuir mun cuairt.

Measgaich a-staigh an teòclaid agus an rus bhrisge le do dhà làimh gus an tig e ri chèile mar bhall.

Brist an taois ann am pìosan beaga. Dèan cumadh ball leotha air meud ball goilf. Cuir an uair sin sìos iad air treadha a th’ air a shuathadh le ìm neo ola.

Tha an treadha a’ dol dhan àmhainn airson 15 mionaidean.

Nuair a tha iad òr is bruich leig leotha fuarachadh mionaid bheag mus cuir thu air treadha uèir iad.

Dall a-nist ort. Ach thoir an aire – tha e gu math furasta tòrr dhiubh seo ithe gun fhiosta dhut.