Main content

Tiolaidh le Mullach Sgona

Airson an tiolaidh:
Ola-croinn-ola
1 uinnean
2 phìos creamh
1 spàin-tì choireaman
Sabhs Worcestershire
1 spàin-bhùird cumin
1 spàin-bhùird pùdar tiolaidh (meadhanach teth)
1 chrogan pònairean-àirneach
2 chrogan ratatouille na bùtha

Airson a mhullaich:
250g flùr plein
1 spàin-bhùird siùcar mìn
1 spàin-bhùird paprika air a smocadh
2 spàin-tì pùdar fuine
50g ìm saillte fuar
1 piobar dearg (fear a chrogain air a ghearradh beag)
1 ugh
Mu 125ml bainne
75g càise làidir cheddar air a bhleith

'S e dinnear sgoinneil a tha seo - tiolaidh le glasraich gu h-ìosal agus sgona spìosrach gu h-àrd.

Fraidhig an toiseach aon uinnean air a ghearradh meanbh leis a' chreamh ann an ola-chroinn-ola son beagan mhionaidean gus am bi iad bog.

Cuir ris an coireaman agus deagh steall sabhs Worcester.

A-staigh a-nis leis a' chumain agus am pùdar tiolaidh agus fraidhig a h-uile càil còmhla son mionaid ach an neartaich e blas na spiosraidh.

Dòirt ann na pònairean agus an ratatouille agus leig leis a h-uile càil bruich air a shocair fhèin fad leth-uair gus am bi an sabhs beairteach, spìosrach.

Crathadh salainn is piobair agus dòirt an uairsin ann an soitheach cruinn pàidh.

A-nis am mullach sgona. Tron t-sìoltachan cuir ann am bobhla am min-fhlùir, an t-siùcar, am paprika smocte agus am pùdair fuine. Suath an t-ìm fhuar na lùib gus am bi e na phronnagan beaga.

Cuir ann cuideachd am piobar dearg agus measgaich.

Buail aon ugh ann an siuga le bainne gu leòr a bheir gu ceud gu leth millilitre e. Thèid seo an lùib an stuth tioram agus measgaich còmhla gus taois rudeigin fliuch, tiugh, a dhèanamh.

Obraich na taoise air clàr-fuine 's crathadh mine air, gus am bi e na chearcall rud beag nas lugha na ’n t-soitheach pàidh. Geàrr ann an 8 triantain mhòra e.

Cuir na triantain a’ suidhe ar muin an tiolaidh ann an cearcall.

Mu dheireadh tha crathadh càise a' dol air a mhuin. Bruich san àmhainn-gaoithe son eadar fichead mionaid is leth-uair aig 180C, gus am bi am mullach air at, is dath brèagha an òir air.

Cha chluinnear aona ghearain timcheall a’ bhùird!