Paidh le Mullach C脿ise Chriomagach
Ola ghlasraich
500g feòil-mairt phrann
1 uinnean, air a ghearradh beag
2 churran, air an gearradh beag
2 spàin-bhùird min-flùr
2 spàin-bhùird sabhs Worcestershire
Salann agus piobar
500ml sùgh feòil mhairt
Airson a’ mhullaich
150g min-flùr
90g ìm fuar
30g corca brochain
40g càise air a bhleith
Fraidhig an fheòil ann am beagan ola ann am pana teth. Nuair a tha e air a dheagh dhathadh, cuir air truinnsear e agus cuir seo gu dara taobh.
Cuir drudhag ola a bharrachd sa phana agus fraidhig na h-uinneanan agus na curran. Fàg iad airson còig mionaidean gus am bi iad bog.
Cuir an fheòil air ais dhan phana, agus na luib, cuir dà spàin-bhùird min-flùir, dà spàin-bhùird sabhs Worcestershire, salann is piobar agus measgaich seo còmhla.
Dòirt 500ml sùgh feòil-mhairt na cheann, agus leig leis bruich air a shocair son leth-uair a thìde. Nuair a tha an fheòil deiseil, dòirt a-steach ann a soitheach paidh e.
An uairsin tòisich air a’ mhullach criomagach.
Suath còmhla 150g min-flùir, agus 90g ìm fuar air a ghearradh beag, gus am bi e coltach ri criomagan arain.
Cuir an corca brochain agus an càise ris a-nis, còmhla ri beagan salann agus piobar.
Sgaoil na criomagan air uachdar na feòla agus bruich a-nis san àmhainn-gaoithe aig 180C fan airson 30 mionaid.
Cha bhi feòil phrann riamh cho àbhaisteach a-rithist!