Croissants le Tofaidh Stiogach
Nì seo 6
250g deitichean
Pacaid taois chroissants na bùtha
Airson a chòmhdaich:
40g ìm
50ml bainne
120g siùcar ruadh dorcha bog
110g siùcar pùdair
½ spàin-tì brìgh vanilla
Cnòthan pecan briste
Cuir na deitichean ann am inneal-gearraidh-bìdh agus dèan prann iad – a’ cur uisge na lùib, boinne air boinne, gus an tig e na thaois mìn, fliuch.
Geàrr an taois na croissants mar a tha e comharraichte – bu chòir gum faighear sia às. Sgaoil na deitichean air gach triantan agus rolaig suas iad, a’ tòiseachadh bhon bhonn. Tarraing an dà cheann a-staigh mu choinneamh a chèile an riochd corrain.
Cuir iad air treadha fuine, suath beagan uighe air a h-uile croissant, agus an uair sin bruich ann an àmhainn gaoithe airson cairteal na h-uarach aig 180C.
Nis dèan an tofaidh airson a chòmhdaich. Ann am pana air teas àrd cuir an t-ìm, an t-siùcar agus am bainne agus buail seo uile còmhla gus an leagh na mheasg.
Thoir am pana bhon teas agus cuir an t-siùcar pùdair agus am brìgh vanilla ann. Thoir deagh bhualadh dha agus an uair sin fàg dhan dàrna taobh e.
Cuir an còmhdach air na croissants tro phìoban, agus crath na cnòthan pecan orra.
Milis agus math!