Main content

C猫ic-rola Meala

Mil air a dhonnadh
125ml mil
25ml uisge

A’ Chèic
3 spàinnean-mhòr mil air a dhonnadh
125ml mil
100g ìm
115g siùcar mìn
3 uighean
1 ½ spàinn-tì sòda-arain
½ spàinn-tì salainn
½ spàinn-tì caineal
225g flùr plèan
1-2 spàinn-mhòr siùcar mìn

An Lìonadh
700ml uachdar tiugh
140g caramal
An còrr dhen mhil air a dhonnadh

Tòisich le bhith donnadh am mil. Teasaich am mil ann am pana gus an tig dath donn air, an uair sin thoir far an teas e agus measgaich a-steach an t-uisge.

Nise dèan a’ chèic. Teasaich an dà sheòrsa mil, an siùcar agus an t-ìm ann am bobhla air muin pana de dh’uisge teth.

Cuir an teas sìos agus buail na h-uighean a-steach leis a’ chòrr. Cuir suas an teas a-rithist, ga bhualadh fad an t-siubhail.

Cuir ann an sòda-arain, an salann agus an caineal, buail a-rithist, agus tog an uair sin bhon teas e.

Cuir am flùr tro shìoltachan dhan phana agus measgaich a-steach e.

Dòirt am measgachadh ann an tiona mòr ceart-cheàrnach (air a lìnigeadh le pàipear-fuine), agus cuir seo ann an àmhainn-gaoithe fad 7 mionaidean aig teas 160C.

Cho luath ’s a tha a’ chèic deiseil, thoir às an àmhainn i agus geàrr dheth na taobhannan. Cuir an àmhainn dheth agus till na taobhannan dhan tiona agus dhan àmhainn – nuair a bhios iad brisg, nì seo sgeadachadh dhan chèic.

Fhad ’s a tha a’ chèic blàth, cuir a-mach air tiubhalt i agus thoir am pàipear air falbh. Nise cuir an siùcar mìn air feadh a’ chèic, is an uair sin rolaig suas san tubhailt i agus fàg a’ chèic mar sin gus am bi i buileach fuar.

Dèan criomagan de na taobhannan le inneal-bleith.

Fàg a h-uile càil a-nise gu’m bi e fuar.

Nise, an lìonadh – buail an t-uachdar leis a’ charamal agus am mil gus am bi e tiugh.

Rolaig a’ chèic a-mach agus cuir suathadh uachdair oirre.

Rolaig a’ chèic a-rithist, còmhdaich i uile leis a’ chòrr dhen uachdar agus an uair sin leis na criomagan.