Main content

Taoisein Ubhail

Nì seo 8

1 ubhal
Aon dhuilleag de thaois-shèideach na bùtha
Ugh air a bhualadh
1-2 spàinn-mhòr siùcair demerara
Flùr airson rolaigeadh

An Lìonadh
120g càise bhog
1 spàinn-mhòr siùcair mìn
1 ugh, air a bhualadh
1 spàinn-tì min-maoise
½ spàinn-tì brìgh almoin

Teasaich an àmhainn aig 200C/180C le gaoth.

Cuir a h-uile càil airson an lìonaidh ann am bobhla agus buail gu làidir gus am bi e tiugh.

An uair sin bheir an cuairsgean às an ubhal agus geàrr e ann an slisean tana.

Geàrr an taois ann an ochd cheart-cheàrnagan agus sgioblaich na h-oirean. Cuir na pìosan taoise air treidhe fuine le lìnigeadh oirre – agus sgaoil làn spàinn mhòr dhen a’ chàise bhog air gach pìos.

Cuir slisean ubhail air mullach gach fear, suath beagan uighe mu na h-oirean agus crath siùcair demerara air a mhuin.

Cuir na taoisein dhan àmhainn fad cairteal na h-uarach no fichead mionaid.

Mìlsean na cabhaig – agus cho blasta!