Aran Pitta
Nì seo 6 pittas mòra
Pacaid bheirm 7g
300ml uisge blàth
400g flùr làidir geal
100g flùr ruadh
2 spàin-tì salainn
1 spain-mhòr sìl nigella
1 spain-mhòr ola-chroinn-ola
Measgaich am beirm leis an uisge.
Ann am bobhla glan, measgaich na stuthan tioram ri chèile. Cuir an ola, beirm agus uisge ris a seo agus measgaich a h-uile sion còmhla gu math.
Cuir an taois a-mach air a’ bhòrd agus obraich gu math i. Ma tha an taois ro steigeach cuir crathadh math flùir air muin na taoise air a’ bhòrd.
Fàg an taois a-nise sa bhobhla le còmhdach air, fad uair a thìde no dhà, no gus an dùblaich i.
Cuir an taois a-mach air a’ bhòrd a-nise, a’ cleachdadh beagan flùr airson ‘s nach steig i. Roinn an taois ann an sia pìosan. Rolaig gach pìos a-mach ann an cumadh leth-chruinn mu leth-cheudameatair tiugh.
Cuir an àmhainn dhan teas as àirde a th’ aice - cuir an treadha san àmhainn cuideachd ach an teasaich e. Thoir an trèadha a-mach agus cuir 2 no 3 pittas air. Bruich san àmhainn airson mu 5 mionaidean.
Nuair a thig iad às an àmhainn, cuir fo chlobhd na pittas gus nach fhàs iad cruaidh fhad ’s a an còrr a bruich.
Cho math airson bogadh ann an houmous neo air an lìonadh le greim bhlasta.