Aran-goirid Ubhal is Tofaidh
Nì seo 12
3 unnsa ìm
1 unnsa siùcar mìn
1/2 unnsa rus bleithte
4 unnsa min-fhlùir
1 spàin-bhùird corca
½ spàin teatha caineal
½ spàin teatha cnò-mheannt
1 spàin-bhùird ubhal air a thioramachadh agus air a ghearradh beag
2 thofaidh, air am pronnadh
Craiteachan salainn
Buail an t-ìm agus an t-siùcar còmhla gus am bi e uachdrach. An uairsin cuir a h-uile càil eile a-steach agus measgaich còmhla.
A’ cleachdadh do làmhan, dèan ball taois a-mach às ann an cruth isbean.
Geàrr ann 12 pìosan cruinn.
Cuir na pìosan cruinn air treadha air a bheil lìnigeadh agus cuir seo dhan àmhainn-gaoithe aig 130C airson 20-25 mionaid.
Chan eil thu ag iarraidh cus dath air na briosgaidean.
Leig leotha fuarachadh air an treadha airson mionaid neo dhà agus an uairsin cuir air racais uèir iad gus am bi iad air fuarachadh.
Spìosrach agus brisg!