Mufainean Smeurag
Nì seo 12 mufain
100g ìm bog gun salann
175g siùcar mìn
2 ugh
140ml blàthach
250g flùr plein
2 spàin-tì pùdar-fuine
Craiteachan salainn
125g smeuran – air an gearradh ma tha iad ro mhòr.
Cuir air an àmhainn aig teas 200C agus suidh 12 cèis mufain ann a treadha mufain.
Buail gu math an t-ìm is an t-siùcar gus an tig iad nas soilleire is nas aotruime.
Cuir ris an seo 2 ugh agus buail gu math a-rithist.
Dòirt ann am blàthach agus cuir am measgachadh mun cuairt.
Tro shìoltachan cuir ann am flùr, am pùdar-fuine agus an t-salann. Buail gu math gus an tig e còmhla na phatraigeadh tiugh.
Paisg a-staigh na smeuran agus roinn eadar na cèisean.
Dhan àmhainn le na mufainean a-nist. Às dèidh 5 mionaidean tionndaidh an teas sìos gu 180C agus bruich airson 15-20 mionaid eile.
Breab bheag gheur bho na smeuran agus mufain tais is aotrom.