Tar-sgr矛obhadh: Guthan na h-Iolaire
Johanna NicAmhlaigh
Johanna: Bha mi a’ cuideachadh mo mhàthair ag ullachadh son m’ athair. Fhuair i litir bhuaithe lathaichean ron a sin gun robh dùil aige ri leave is gun robh e an dòchas gum faigheadh e leave na Bliadhn’ Ùire is gum baisteadh e a’ leanabh. Cha robh mo phiuthar bheag ach sia mìosan is bha sinn an àrd gu dà uair. Bha bàs an ath dhoras dhuinn. Thàinig Iain, bràthair mo mhàthar às an taigh-fhaire agus thuirt e gu robh e a' cluinntinn nan conacagan. Agus thuirt mo mhàthair, “Bha,” ars ise, “conacagan na Bliadhna Ùire tha mi creids’.”
“Cha b’ e,” ars esan, “’s e bha siud ach conacagan èiginneach.”
Làrna-mhàireach, thòisich mo mhàthair a’ nigheadaireachd. Cha d’ thàinig m’ athair. Thàinig searbhant a bh’ aig bràthair mo mhàthair. Thàinig i airson cuideachadh mo mhàthair leis an nigheadaireachd is bha siud a’ cur iongnadh orm.
Chunnaic mi m’ antaidh a’ tighinn a-nuas an rathad. Bha mi a' cumail ealla rithe. Thàinig i a-steach is sheas i anns an doras. Nuair a chunnaic mo mhàthair i, dh'aithnich i anns an spot duda bh’ ann. Sin mar a fhuair sinn sgeul air m’ athair.