Tar-sgr矛obhadh: Sealladh Eile
Iain: Bha e fìor a ràdh gun do rugadh ann an Uibhist a Tuath thu fhèin agus chaidh thu dhachaigh a Ghriomasaigh – cha b’ ann ann an carbad idir!
Mòrag: Uill bha Griomasaigh an uair sin - cha robh rathad ann – rathad a ghabhadh carbadan - ged a ghabhadh gu ìre, thoradh, bhiodh mo mhàthair ag innse dhomh mar a chaidh a toirt dhan ospadal ann an Loch nam Madadh – smaoinich, ann an cùl bhan, i fhèin agus boireannach bhochd eile à Griomasaigh a bha an dùil ri leanabh. Chaidh iad gu ospadal beag an Loch nam Madadh, agus bhiodh am boireannach eile ag innse dhòmhsa, mun àm a chroch i còta anns an ospadal, chuala i mise a' rànaich. ’S mi a ràdh, mo mhàthair bhochd! Ach thàinig mi dhachaigh ann an eathar – thoradh bha e tòrr na b’ fhasa 's tòrr na bu luaithe.
Iain: Bha
Mòrag: Agus cha robh bhan againn!
Iain: ’S cha robh fuachd na dhragh sam bith aig an àm?
Mòrag: Bha sinne gu math calma, tha mi smaoineachadh. Ach bha, bha mi an Loch nam Madadh greiseag às dèidh sin cuideachd. Rugadh ann mi ’s chaidh sinn ann airson greiseag mar theaghlach. Ach se Griomasaigh mo dhachaigh – ged a tha mi air a bhith anns an Eilean Sgitheanach bliadhnaichean mòra nas fhaide na tha mi air a bhith ann an àite sam bith.