Tar-sgr矛obhadh: Coinneach Mac脤omhair
Anna KC NicLeòid a’ còmhradh ri Coinneach MacÌomhair
Coinneach: Gu h-annasach ge-tà, a’ dol air ais gu ar-a-mach naoi ceud ’s a sia-deug, bha i mar phàirt dhan a sin, agus chaidh binn-bàis a thoirt a-mach oirre ach gu h-annasach ’s e a bhith na boireannach a shàbhail i fhèin airson cha deach a marbhadh air sgàth ’s gur e boireannach a bh’ innt’ a dh'aindeoin agus gun robh i a’ strì airson còraichean nam boireannach. Agus ann an dòigh annasach, cha robh i toilichte le sin.
Anna: Cha robh. Tha thu ceart. Bha i an sàs anns an ar-a-mach ann an naoi ceud ’s a sia-deug agus chaidh binn-bàis a thoirt a-mach oirre agus tha thu ceart, seach gur e boireannach a bh’ innte, dh’atharraich iad sin. Thuig an riaghaltas nan cuireadh iad boireannach gu bàs is i na prìosanach gun dèigheadh, gum biodh ar-a-mach ann, gun dèigheadh cùisean fada nas teotha na bha iad. Agus bha e na adhbhar cais dhithse nach robh i a’ dol a dh’fhaighinn an aon pheanas seach gur e boireannach a bh’ innte. Agus bha ise a’ cluinntinn na fir air an tugadh binn-bàis, iadsan gan toirt a-mach agus gam marbhadh is bha i a’ cluinntinn seo is i as a’ phrìosan. Air a’ cheann thall ge-tà, bha e a’ ciallachadh gun robh i beò. Fhuair i a-mach às a’ phrìosan ann an naoi ceud ’s a seachd-deug ged a chaidh a cur fo ghrèim a-rithist a’ bhliadhna às dèidh sin.