Tar-sgr矛obhadh: Smuain na Maidne
Ma choimheadas sinn ri daoine anns an t-saoghal chì sinn gu soilleir gu bheil daoine ann a tha an-còmhnaidh a’ dol aig astar. Tha cabhag orra an-còmhnaidh. ’S chì sinn gu bheil feadhainn eile ann le ceum a tha socair, cumail air, ’s air a’ cheann thall, ’s dòcha gur e an dàrna fear a chuireas barrachd obrach às a dhèidh. Ann an sgioba sam bith, mar a b’ àbhaist a bhith againn a’ buainn na mònach, cumaidh am fear sa a’ dol, ’s tha e a’ dèanamh a’ cheart uidhir ’s a tha fear air a bheil cabhag mhòr. Gu math tric tha iadsan sgìth ann an ùine glè ghoirid. Gu cinnteach tha e duilich ann an linn a tha cho adhartach le innealan a’ dol gun sgur, ri faighinn fois aig amannan bhon a h-uile nì a th’ ann. Chan eil an spiorad cabhagach math air èisteachd neo air cluinntinn. Agus nach mòr a theagaisgeas an Cruthaidhear dhaibhsan tha feitheamh le foighidinn gu sàmhach ris. Gheibh iadsan spionnadh nuadh. Èirigh iad suas mar iolaire air a sgiathan. Ruithidh iad 's cha bhi iad sgìth. Siùbhlaidh iad ’s chan fhàs iad fann.