Main content

Tar-sgr矛obhadh: Smuain na Maidne

Dòmhnall Iain Moireasdan

Madainn mhath. ”Dè an uair a tha e?” ’S ann leis a’ cheist sin a thòisich sinn ar smuaintean madainn Diluain 's tha e a-nis gu bhith leth-uair an dèidh a h-ochd madainn Dihaoine. Nach e an t-seachdain a chaidh seachad luath? Latha a’ dèanamh sgeul do latha is oidhch' agus uair gun tàmh. Tha clocaichean aig cuid againn nar dachaighean a tha a’ bualadh na h-uarach agus eadhon gach cairteal uarach le buille throm cheòlmhor. ’S e Westminster Chimes a chanas sinn riutha agus leugh mi am badeigin gur e na Puritanaich a dh’iarr gum biodh iad air an dèanamh mar sin, chùm a bhith a’ cur an cuimhne dhaoine cho cudromach ’s a bha e a bhith a’ dèanamh feum de gach mionaid is uair dhe ar beatha air thalamh. Tha uaireadairean agus clocaichean snasail de gach seòrsa aig daoine an-diugh 's chan eil feum aig a h-aon aca air a bhith air an rothaigeadh. Cha b’ ann mar sin a bha e nuair a bha mis' òg.