Tar-sgr矛obhadh: Feasgar
Cathy: Uill an turas mu dheireadh a bha mise còmhla ri Iain MacDiarmaid an seo bha sinn aig fèill ann an Glaschu agus se fèill... tha mi creid gur e fèill reic bhuntàt’ a bh’ ann. Agus dh’fhalbh thusa dhachaidh Iain le bucain buntàt’ de dhiofar sheòrs’ – agus bha thu dol dhan cur. Dè thachair dhaibh – na chuir thu iad?
Iain: Chuir, gu dearbha – chuir mi na “first earlies” agus “second earlies” an toiseach mar a bhiodh dùil, agus tha iadsan a-staigh ’s tha iad air nochdadh aig bàrr na talmhainn ann a shin agus an uair sin chuir mi an fheadhainn eile ann, main crop, an fheadhainn a fhuair sinn agus tha mi smaoineachadh... mas math mo chuimhne, se Des’ree agus Cara a bha sin. So tha a h-uile gin dhiubh air nochdadh co-dhiù ’s chan fhada, tha mi smaoineachadh, gus am bi first earlies againn.
Cathy: 'S e ’n rud, se buntàt,’ a’ Mhairead, nach e? Buntàt’ os cionn rud sam bith eile ann an lot.
Mairead: 'S e dha rìreabh. Dè seòrsa todhar a tha thu a' cleachdadh?
Iain: Uill, mar as trice... tha seo garbh oir bidh mi a' faighinn stuth bho bhàthach mo bhràthar 's ga thoirt sìos às an Eilean Sgitheanach anns a’ phick-up – agus chan eil fhios a’m an e math dhan àrainneachd a tha sin nuair a tha thu a' dol dà chiad mìle leis ach... (gàire) Am-bliadhna cha tug mi sian sìos còmhla rium – tha mi dìreach air a bhith cho trang le rudan eile. So mar as trice, tha gu leòr agam a-staigh còmhla ris. An fheadhainn air an taobh seo, cha do chuir mi sian a-staigh còmhla riutha – ach chuir an-uiridh. Agus an fheadhainn air an taobh sin, bha dà phoca ann am poca nan cobbs agam air fhàgail so chuir mi iad sin a-staigh còmhla ris so sin tha mi cleachdadh – ’s feamainn an-dràsta ’s a-rithist cuideachd.