Tar-sgr矛obhadh: An L脿 (D-Day Special): P脿irt 2
Angela: A’ leughadh bho a leabhar fhèin, dh’innse Pòl mar a bha aige ri leum bhon a’ phlèana agus na Gearmailtich a’ losgadh orra.
Pòl: “Tha sinn tarsainn a’ chladaich a-nis”, dh’eigh iad anns an toiseach, agus gu dearbha cha ruigeadh iad a leas innse dhuinn oir sa mhionaid sin bha sinn an teis mheadhan na h-ùpraid san adhar, bha gunnachan a’ losgadh air gach taobh, agus dh’fhairicheamaid blas agus fàileadh an spreidhidh. Bha am plèana mòr(a) trom, air a thulgadh mar sgoth bheag ann an stoirm fairge. Cha robh e furasta dhuinn seasamh air ar casan, bha an toll mòr fosgailte san ùrlar, agus chitheamaid lasradh nan gunnachan a’ strìocadh seachad oirnn air gach taobh. Dh’fhairich sinn uile a’ bhuille, agus am plèan a' toirt leum às. Dh’èigh an t-oifigeach a-nis na sheasamh os cionn an tuill gun robh an sgiath na teine agus gu feumamaid leum a-mach. Cha robh e furasta dhuinne ar casan a chumail air an ùrlar, ’s sinn a’ feuchainn an toll a ruighinn gu faighinn a-mach. B’ e mise an ochdamh fear san t-sreath agus le sròn a’ phlèana a’ sìor dol na b’ ìsle, cha b’ ann le strì a ràinig mi iomall an tuill 's a leum mi mach. Cha robh teagamh nach robh am plèana a’ call àirde san adhar oir cha bu luatha a dh’fhosgail am parachute agam na bha mi nam ghleoc air an talamh.
Angela: Aig an aon àm bha mu sheachd mìle bata de dhiofar seòrsa a' dèanamh air cladaichean na Frainge, a’ feitheamh riutha bha balla a’ Chuain Shiar, siostam dìon nan Gearmailteach. Sreath de dh’aibhnichean leithid seo, gunnaichean mòra, agus saighdearan deiseil son an losgadh. Cha bu bheag an dùbhlan.