Main content

Tar-sgr矛obhadh: Br脿thair Mo Sheanair - Seonaidh Mac Gill-Eain

Gilleasbuig MacDhòmhnaill a’ bruidhinn mu Seonaidh Mac Gill-Eain

Òran...

Gilleasbuig: Clàradh a tha fìor phrìseil dhomh. Mo mhàthair nach maireann a’ gabhail òran leis a’ bhàrd Ròmanach Catullus a dh’eadar-theangaich Seonaidh Mac Gill-Eain, bràthair a h-athair, bràthair mo sheanair, chun na Gàidhlig. Chuir mòran chloinn-sgoile eòlas air Seonaidh mar Cheannard Àrd-sgoil an Òbain. Bhithinn-sa tric a’ cluinntinn càirdean dhomh a’ bruidhinn mu dheidhinn, mu duine socair laghach aig an robh comasan cànain sònraichte. Cha do choinnich mise riamh ris ge-tà. Chaochail e ceithir bliadhna deug mus do rugadh mi 's gun e ach trì fichead. Ach, tha mi a-nis airson barrachd a chluinntinn mu Sheonaidh. Rugadh e ann an Ratharsair ann an naoi ceud deug is naoi, am fear a bu shine ann an teaghlach de sheachdnar chloinne. B’ e mo sheanair Somhairle a b’ fhaisg air ann an aois agus bha esan cuideachd na cheannard-sgoile agus na bhàrd. Thuirt mi na bhàrd airson ged nach robh Seonaidh cho aithnichte ri bhràthair mar bhàrd, bhiodh e ri bàrdachd. Ach tuilleadh mu dheidhinn sin an ceartuair.