Main content

Tar-sgr矛obhadh: Sealladh Eile

Murchadh Caimbeul a’ bruidhinn air Sealladh Eile

Iain Mac'illeMhìcheil: A’ Mhurchaidh, rugadh is thogadh tusa ann am Port nan Long far an robh deagh bhiadh, chan eil fhios a'm mun uisge-bheatha?

Murchadh: Uill, bha uisge-beatha ann cuideachd o chionn cuimhnich gu robh sinn a’ fuireach faisg air Talasgair agus bha m’ athair a-rithist ag obair ann an Talasgair ’s leis a sin, ’s ann mar sin a fhuair mise eòlas air uisge-beatha bho bha mi òg o chionn gu robh an taigh-staile faisg oirnn agus gu robh m’ athair ag obair ann.

Iain Mac'illeMhìcheil: Bha mi dol a ràdh rugadh is thogadh tu ann am Port nan Long sna Hearadh, cha mhòr nach e “Port nan Long sna Hearadh” a th’ ann ged a tha e san Eilean Sgitheanach!

Murchadh: Uill ‘s e “Hearaich Phort nan Long” a chanas iad ruinn, chan e Sgitheanaich idir a chanas iad ruinn ach gur ann às na Hearadh a tha sinn agus ’s e cainnt na Hearadh a bh’ againn o chionn sin a bu chòir a bhith againn air ar togail suas le daoine bruidhinn cainnt na Hearadh timcheall oirnn.

Iain Mac'illeMhìcheil: Sin agad e. ‘S cha robh ann ach Hearaich a-mhàin?

Murchadh: Oh cha robh, bha Rubhaich againn cuideachd. Thainig cuid às a Rubha a dh’fhuireach a Phort nan Long. A bharrachd air a sin, bha dà theaghlach a’ fuireach anns a’ bhaile a bhuineadh dhan Eilean Sgitheanach fhèin. A bharrachd air a sin, cha robh an còrr de Sgitheanaich ann agus ’s e a’ chuid a bu mhotha dhiubh ’s ann às na Hearadh a bha iad.