Tar-sgr矛obhadh: Leugh an Leabhar
Seonag Monk a' meòrachadh air sgrìobhadh Muriel Spark
Seonag: Tha an sgrìobhadh aice, mar a bhiodh i fhèin ag ràdh, gu robh i ga dhèanamh – gum feumadh a’ ruitheam a bhith anns an sgrìobhadh aice. ‘S gu robh e cha mhòr car’ coltach ri bàrdachd, agus....
Mark: Agus bhiodh i a' sgrìobhadh bàrdachd cuideachd – ‘s e sin a rinn i an toiseach, nach e?
Seonag: ‘S e – thòisich i agus i gu math òg anns an sgoil – ceithir bliadhn’ deug, tha mi smaointeachadh – gun d’ fhuair i duais airson bàrdachd, agus ’s i bàrdachd a bha i ag iarraidh a dhèanamh. Agus chum i ris a sin airson grunn bhliadhnaichean, ach bha e uabhasach fhèin doirbh airgead sam bith a dhèanamh às, agus às dèidh greis, ‘s ann a thionndaidh i gu bhith sgrìobhadh novels. ‘S tha mi dìreach bho chionn latha no dhà an seo fhèin – cha robh mòran de dh’fhios agam air a’ bhàrdachd aic’ idir, ach theann mi air leughadh pìosan dhen a’ bhàrdachd aice ’s tha pìosan uabhasach fhèin snog. A-rithist, tha rudan biorach anns a’ bhàrdachd aice, dìreach mar a tha anns a’ sgrìobhadh.
Mark: Uill biorach, tha i pongail, aithghearr, geur, sgaiteach, agus sin rud 's dòcha nach eil againn ro thric ann an nobhailean an latha an-diugh – tha iad ro thiugh, uaireannan, an taca ris an stoidhle a bha aig Muriel Spark.
Seonag: Bha ise diofraichte – bha i diofraichte, rud a bha i feuchainn ri dhèanamh, agus bha i fhèin a’ smaointinn gur e seo an dòigh a b’ fheàrr air nobhail a sgrìobhadh; gus gum faigheadh tu sìos air an duilleig, le glè bheag de dh’fhaclan, rud a bha thu feuchainn ri innse.