Main content

Tar-sgr矛obhadh: Acair @ 40

Jo NicDhòmhnaill

Jo: Uill tha mi smaoineachdainn aig an àm a bh’ ann, bha tòrr rudan inntinneach a’ dol anns na h-Eileanan Siar. Agus bha tòrr turas tha mi creids’ agam ri iomairtean mar sin (ma shun), o chionn ’s gu robh mi ag obair air prògraman dha sgoiltean agus bha mi fàs eòlach air na sgrìobhaichean a bha anns na h-Eileanan Siar, daoine mar (man) Iain Moireach ’s Fionnlagh MacLeòid ’s Tormod a’ Bhocsair – daoine dhen t-seòrsa sin, bha iad a' sgrìobhadh sgriobtaichean dha na prògraman a bha mi a' dèanamh.

Agus bha thu faireachdainn gun robh buzz anns an àite, agus bha mi fàs caran... iomagaineach gu robh mi rudeigin fad air falbh, fàs nas fhaide ’s nas fhaide air falbh bho mo dhualchas ann an Dùn Èideann – agus cha robh duine le Gàidhlig anns an roinn ach mi fhìn, agus aon nighean a bha ag obair na clèireach ann cuideachd.

Agus chunna mi sanas airson obair aig Acair, chuir mi air a shon, agus bha mi uabhasach fortanach; fhuair mi an obair agus nuair a chaidh mise ann, chan eil fhiosam an robh aon leabhar no dhà an clò. Cha robh mòran – bha gu leòr anns a’ bheairt, bha an t-uabhas anns a’ bheairt. Cha robh... àireamh a luchd-obrach, cha robh ann ach, tha mise smaoineachdainn triùir againn.