Tar-sgr矛obhadh: Siud Thu: Donalda NicComb
Iain: A bheil, a bheil, mar a chanas iad sa chànan eile, a bheil role models agad ma-thà? A bheil tidsearan ann tro na bliadhnaichean a tha air buaidh shònraichte a thoirt ort fhèin, agus mar a tha thu a’ deiligeadh ri d’ obair san latha a th’ ann?
Donalda: Tha mi a’ smaointinn nuair a chaidh mi dhan sgoil an toiseach, a’ chiad tidsear a bh’ agam riamh, Miss MacInnes, Ceitidh Mary, agus bha i càirdeach dhomh cuideachd. Tha deagh chuimhn’ agam oirrese, agus air a’ chiad latha a bh’ agam riamh anns an sgoil. Agus bha mi còmhla rithe san rùm bheag airson trì bliadhna, agus tha mi a’ smaointinn ’s dòcha an uair sin gun robh mi a’ faireachdainn gun e deagh rud a bhiodh ann a bhith nad thidsear. Gheibheadh tu a bhith trod ri daoine, is gheibheadh tu a bhith gan stiùireadh an siud ’s an seo. So, chanainn-sa gun e ise a’ chiad, gu h-àraid sa bhun-sgoil, gu bheil deagh chuimhn’ agam oirrese, agus ’s dòcha a-rithist gun e sin adhbhar a chaidh mi airson an dreuchd a chaidh mi air a shon.
Iain: Ach nuair a tha thu an aois a tha sin, agus nuair a tha thu a’ gluasad air adhart chun an ath chlas, tha thu ag ionndrainn an neach-teagaisg a bh’ agad gu mòr, nach eil?
Donalda: Tha. Tha mi a’ smaointinn nuair a smaoineachas tu air feadhainn bheag a’ dol dhan sgoil an toiseach, an fheadhainn a tha iad eòlach air, ’s e ’s dòcha am màthair. So ma tha tidsear agad a tha dhen aon seòrsa, a tha a’ coimhead às do dhèidh is a tha còir is a tha laghach, a h-uile seòrsa rud mar sin mar a bha Ceitidh, tha sin a’ toirt... tha meas mòr agad air an tè sin, agus bidh deagh chuimhn’ agad oirre cuideachd.