Tar-sgr矛obhadh: Feasgar
Ùisdean MacIllFhinnein a’ bruidhinn air Feasgar
Tha mise mar eisimpleir air a bhith ag obair air a’ bhuaidh, no a’ phàirt, a bh’ aig Gàidheil ann an craoladh ann an Glaschu, camanachd – cha chuir sin iongnadh sam bith ort - na poilis ann an Glaschu agus pìobaireachd ann an Glaschu. Nise rud tha annasach, bha thu bruidhinn air ceangalan. ‘S e an rud a th’ air mo bhualadh fhad ’s a bha mi ag obair air a seo, an ceangal a bha eadar a h-uile roinn a dh’ainmich mi ann a shin agus na Gàidheil. Cha mhòr nach e na h-aon daoine a bha an sàs thairis air ùine anns na diofar roinnean. Bha iad a’ dol tarsainn air raointean mar gum bitheadh. Ma bha thu an sàs ann an craoladh, bha thu ’s dòcha ri camanachd. Gu cinnteach, ma bha thu na do phoileas bha thu ri pìobaireachd no / agus ri camanachd. Tha mi cinnteach gur e na rudan a tha sinn a’ feuchainn, a bharrachd air fiosrachadh a thoirt do dhaoine agus eachdraidh, ‘s e bhith gan stiùireadh gu àitichean eile far a faic iad rudan a tha a' toirt eachdraidh a’ bhaile beò mar gum biodh. Agus mar eisimpleir air a sin, tha tasglann phoileas Ghlaschu – àite nach robh mi fhèin, eòlas sam bith agam air. Cha mhòr gun robh fhiosam gu robh leithid ann ach chaidh mi ann an t-seachdain seo agus dè fhuair mi ann ach leabhraichean prìseil agus fiosrachadh mu dheidhinn a bhith stèidheachadh Club Camanachd mar a th’ againn oirre an-diugh, Meadhan Earra-Ghàidheal ach gu h-annasach, ‘s e a bh’ aig daoine air ‘Mid-Argyll’ mar a th’ againn air an-diugh anns na làithean sin, Dalriada. ‘S e sin an t-ainm eachdraidheil a bha iad a’ cleachdadh. Nist, tha ‘s dòcha ceist ann bheil còir againn tilleadh chun a sin ach ceist eile a tha sin.