Tar-sgr矛obhadh: Smuain na Maidne
Peigi Townsend
Peigi: Tha mi a’ creidsinn nach eil duine beò againn nach eil a’ gabhail an eagail aig àm air choireigin. Mar a tha an seanfhacal a’ cur nar cuimhne, ’s e th’ anns an eagal ach rud a thig gun iarraidh, is nam b’ urrainn dhuinn a sheachnadh, dhèanamaid ar dìcheall gus sin a dhèanamh.
Nist’, tha fhios againn gu bheil buaidh chumhachdach aig an eagal air ar ceann-eanchainn agus às a dhèidh sin air ar corp gu lèir. Bhon a tha sinn fo chochall ar cridhe, faodaidh e a bhith gun caill sinn ar lùths airson greis neo gum bi ar stamag a’ cur nan car a’ mhuiltein.
Tha saic-eòlaichean ag innse dhuinn gu bheil e nàdarra gu leòr a bhith air ar clisg nuair a tha sinn ann an cunnart air choreigin, neo ma tha cunnart air choreigin air fàire. Glè thric, tha eagal na mheadhan air ar beatha a dhìon. Ma tha eagal oirnn ro rud air choreigin, can teine, cha tig sinn cho dàn air 's gun dèan e cron oirnn.
’S e gliocas a th’ ann cuideachd a bhith caran gealtach ann an suidheachaidhean air nach eil sinn cho eòlach. Is tha e nàdarra cuideachd eagal a bhith oirnn ro bhocain, 's ro fhulangas is ron bhàs.