Tar-sgr矛obhadh: Sr貌n ann an Leabhar: Lisa Storey
LISA: Is mise Lisa Storey à Bhatarsaigh. Bha leabhraichean a’ còrdadh riumsa gu mòr, on a bha mi glè òg. Tha cuimhn’ a’m mo mhàthair ag ràdh rium turas no dhà:
“Carson a tha thu a-staigh an sin ’s do cheann ann an leabhar fad an latha, an àite bhith muigh air feadh nan cnoc?”
Uill, bu mhath a b’ fhiach na cnuic is na tràghannan is a’ mhuir a bha mun cuairt ormsa ann a Bhatarsaigh a bhith gan siubhal ceart gu leòr. ’S bha mi dèanamh sin cuideachd còmhla ri m’ cho-aoisean. Ach bha fhathast leabhraichean nan tàladh mòr. Dè na leabhraichean ge-tà?
Cha robh na h-uiread sin san taigh againne aig an àm. Cha robh feadhainn Ghàidhlig ann co-dhiù, a bharrachd air leabhar ùrnaigh.
Bha bràithrean mòra agam a bha às an ciall mu westerns, agus thòisich mise air an fheadhainn sin a leughadh cuideachd. Na prairies, àiteachan mìorbhaileach, nach e?
Agus leughainn stuth eile a bhithinn a’ lorg a bha sgrìobhte airson clann-nighean, far an robh na caractaran gu tur eadar-dhealaichte bhuamsa ’s mo cho-aoisean, ’s iad bho theaghlaichean beartach a bhiodh gan cur gu sgoiltean prìobhaideach. Mar sin, airson deagh ùine, bha leughadh dhomhsa mar dhòigh air mo thoirt air falbh bho mo stairseach fhèin a dh’àiteachan annasach, am measg dhaoine aig an robh dòigh-beatha a bha mi a’ smaointinn a bha gu math na bu tarraingiche na a’ bheatha agamsa.
Bha e na ìongnadh mòr dhomhsa ma-thà nuair a lorg mi sgrìobhadair a bha a’ cleachdadh san sgrìobhadh chruthachail aigesan, an dearbh sheòrsa coimhearsnachd air an robh mi cho eòlach. A’ mhuir. An t-iasgach. Daoine bochda, a’ strì ri beò-shlaint’ a dhèanamh. B’ esan Neil Gunn.