˿

Buaidh obair dhaoine air an àrainneachd nàdarraGnàth-shìde crios-meadhain

Ri linn àrdachadh sluaigh a’ cur cuideam air an àrainneachd, gheibhear gainnead uisge is truailleadh, dì-choillteachadh is bochdainn. Dh’fhaodadh ro-innleachdan manaidsidh ana-caitheamh a lùghdachadh.

Part of ܾԲ-òCùisean cruinneil

Gnàth-shìde crios-meadhain

Far a bheil e

A' Choille-uisge
Figure caption,
Far a bheil coilltean-uisge

Co-chothrom nàdarra - a' bagairt air coilltean-uisge

Tha coilltean-uisge crios-meadhain no tropaigeach faisg air a' chrios-meadhain. Tha gnàth-shìde crios-meadhain ann am pàirtean dhe na h-àitichean a leanas:

  • Meadhan Ameireaga, me Costa Rica
  • Ameireaga a Deas, me Brasil
  • Meadhan Afraga, me Ceinia
  • Ear-dheas Àisia, me Borneo
Igua ann an Abhainn Iguazu air a' chrìoch eadar Brasil agus Argentina
Image caption,
Igua ann an Abhainn Iguazu air a' chrìoch eadar Brasil agus Argentina

Iomradh air gnàth-shìde crios-meadhain

Tha coilltean-uisge ann an sgìre na gnàth-shìde crios-meadhain. Tha iad teth agus fliuch fad na bliadhna; tha sin a' cruthachadh gnàth-shìde a tha bruthainneach. Tha an sileadh bliadhnail mòr oir tha an t-uisge ann cha mhòr a h-uile latha. Bidh an teòthachd a' fuireach mun aon ìre fad na bliadhna – tha an raon teòthachd an taobh a-staigh de bheagan cheuman.

Tha graf na gnàth-shìde a' sealltainn sileadh agus teòthachd chuibheasach ann am Manaus, ann an Coille-uisge an Amasoin ann am Brasil. 'S ann sa Mhàrt a tha an sileadh cuibheasach as motha le còrr is 300mm agus tha an sileadh as lugha san Lùnastal le nas lugha na 50mm. Cha bhi an teòthachd ag atharrachadh mòran idir tron bhliadhna. Tha an teòthachd mhìosail as àirde, 29°C, san t-Sultain. Tha an teòthachd mhìosail as ìsle, 26°C, san Dùbhlachd agus san Fhaoilleach. 'S e 2°C an raon teòthachd bhliadhnail.

An sgÏre crios-meadhain
Figure caption,
Sgìre crios-meadhain - Manaus, Brasil