Ro-innleachdan airson buaidh a lùghdachadh
Ro-innleachdan manaidsidh
Nuair as urrainn dhaibh, bidh dùthchannan a' cleachdadh nan stòrasan ann an àrainneachd an tundra aca airson barrachd airgid fhaighinn agus airson gum bi lùth cinnteach aca. Airson a bhith cinnteach gun tèid an tundra a ghleidheadh dha na ginealaich ri teachd, tha leasachadh seasmhach air leth riatanach airson gum mair e.
Tha ro-innleachdan manaidsidh a' gabhail a-steach:
- Bidh Prògraman Glèidhteachas Àrainnean uaireannan gan stèidheachadh ann an àrainneachdan tundra airson dachaigh shònraichte fiadh-bheatha an tundra a dhìon.
- Ann an Canada agus san Ruis, tha mòran de sgìrean tundra air an dìon tro Phlana-gnìomh Bith-iomadachd (BAP: Biodiversity Action Plan). 'S e prògram a th' air aithneachadh gu h-eadar-nàiseanta a th' ann am BAP agus tha e na amas gnèithean agus àrainnean a th' ann an cunnart a dhìon agus ùrachadh.
- Tha e riatanach do dhìon àrainneachd chugallach an tundra gun tèid blàthachadh na cruinne a lùghdachadh oir tha blàthachadh ann an sgìrean na h-Artaig a' cur na h-àrainneachd chugallaich seo ann an cunnart a dhol à bith. Gheall a' mhòr-chuid de riaghaltasan gasaichean taigh-glainne a lùghdachadh le bhith a' soidhnigeadh Protocail Kyoto. Ach tha na Stàitean Aonaichte – an dùthaich as motha a tha a' leigeil de ghas taigh-glainne mu sgaoil – a' diùltadh aontachadh ris a' chùmhnant.
- Tha cuid de dhùthchannan air airgead mòr a chosg air stòrasan lùth eile leithid lùth na gaoithe, lùth nan tonn agus lùth na grèine. Tha na stòrasan lùth sin ath-nuadhachail agus nas fheàrr dhan àrainneachd na bhith a' losgadh connadh fosail a tha a' meudachadh sgaoileadh carbon agus blàthachadh na cruinne.
- Seach gu bheil barrachd is barrachd lùth ga chosg, tha e cudromach gum bi gnìomhachasan, còmhdhail agus daoine nan dachaighean a' cleachdadh lùth ann an dòigh nas èifeachdaiche gus nach bi uiread de dh'ana-caitheamh ann.
Feumaidh sinn an lorg-carbon againn – na tha sinn a' chruthachadh de charbon – a lùghdachadh. Faodaidh a h-uile duine cuideachadh le bhith a' dèanamh atharrachaidhean san dòigh-beatha agus sna taighean aca, mar eisimpleir le bhith:
- a' coiseachd, a' dol air baidhsagal no a' cleachdadh còmhdhail phoblach an àite chàraichean a tha a' cleachdadh connadh fosail
- a' lùghdachadh nan turasan a bhios sinn a' dol air plèan (gu h-àraidh turasan goirid)
- a' cleachdadh chàraichean nach eil a' cosg uiread de lùth no càraichean dealain
- a' cur dheth sholas, socaidean lùth, teàirrdsearan fòn agus TBan nuair nach eil sinn gan cleachdadh
- ag ath-chuartachadh agus ag ath-chleachdadh phlastaigean agus bathar stèidhichte air ola
- a' cleachdadh bholgan-solais nach eil a' cosg uiread de lùth agus bataraidhean a ghabhas an teàirrdseadh a-rithist
- a' cur dìon-chòmhdach air mullaich nan taighean, a' cur stad air gaoth a bhith a' faighinn a-steach, a' cleachdadh uinneagan le lòsain dhùbailte agus siostaman teas nas èifeachdaiche
- a' smaoineachadh air pannalan grèine a chur a-steach no ag atharrachadh gu companaidh dealain aig a bheil dealan uaine