Buaidh a' mhillidh air daoine agus air an àrainneachd
Daoine
- Tha sealg agus iasgach mì-laghail a' cur dòigh-beatha thraidiseanta nan sealgairean Inuit ann an cunnart oir tha na stòrasan bìdh aca ann an cunnart.
- Fhuair muinntir an àite obair ann an gnìomhachasan ùra a tha a' toirt dhaibh airgead. Tha sin a' toirt cor-beatha nas fheàrr dhaibh, ach tha e ag atharrachadh an dòigh-beatha thraidiseanta.
- Tha cur-seachadan agus goireasan ùr-nodha an taoibh 'an iar' a' toirt buaidh air dòigh-beatha thraidiseanta nan sealgairean Inuit.
- Tha puinnsean phlàighean ann an sreath a' bhìdh cunnartach nuair a tha muinntir an àite a' sealg airson bith-beò.
An àrainneachd
- 'S e àrainneachd uabhasach chugallach a tha san tundra. Mar sin tha na lusan agus beathaichean a tha beò ann air freagrachadh mìorbhaileach a dhèanamh airson a bhith beò far a bheil gnàth-shìde cho cruaidh. Gu mì-fhortanach, faodaidh an rud as lugha cur às dhaibh.
- Tha ceapan-deighe pòlarach a' leaghadh air sgàth meudachadh ann am blàthachadh na cruinne.
- Tha mòran dhe na mathain bhàna air bàsachadh le dith a' bhìdh seach gun deach na pàtrain beathachaidh aca atharrachadh.
- Tha àirde na mara ag èirigh air sgàth 's gu bheil na ceapan-deighe a' leaghadh agus tha sgìrean cladaich ìosal a' dol fo thuil.
- Tha beathaichean glè thric air am marbhadh no air an ruagadh air falbh nuair a dh'fheuchas iad ri dhol tro bhaile.
- Dhòirt na ceudan mhìltean ghalain de dh'ola amh ann an Alasga air sgàth phìoban a spreadh agus mhill sin an àrainneachd chugallach seo.
- Tha dòrtadh ola air droch thruailleadh adhbhrachadh ann an Cuan na h-Artaig.
- Chaidh slighe cuid de bheathaichean gu na h-ionadan neadachaidh is gintinn traidiseanta aca a mhilleadh le cnapan-starra, me pìoban air uachdar an talaimh.