Eag-shiostam an tundra
Fiosrachadh
Canar 'an tìr gun chraobhan' ri àrainneachdan tundra. Seach gu bheil a' ghnàth-shìde uabhasach fuar agus tioram chan eil ach glè bheag de sheòrsaichean bheathaichean agus lusan annta an taca ris a' choille-uisge. Tha an ùir reòta airson a' chuid as motha dhen bhliadhna agus canar gu bheil buan-reothadh ann. Fiù 's am meadhan an t-samhraidh, bidh an ùir fon uachdar fhathast reòta. Mar sin, cha bhi lusan le freumhaichean domhainn beò ann; tha an fhàsmhorachd ìosal agus a' fàs luath. Chan fhàs rudan ach airson eadar 50 is 60 latha agus tha an ùir thana an ìre mhath neo-thorrach. Seach gu bheil an talamh lom, creagach, chan fhàs ach lusan mar pris, còinneach, fraoch agus crotal. Tha am buan-reothadh, samhradh goirid agus talamh a tha làn uisge a' ciallachadh nach fàs craobhan san tundra.
Sa gheamhradh, tha an tundra air a chòmhdach le sneachd is reothadh. Tha an ùir reòta fad na h-ùine. Bidh a' ghaoth gheàrrte a' cur ris an fhuachd agus seach nach eil mòran silidh ann, cha bhi lusan buan. Bidh beathaichean mar am mathan bàn, sionnach an artaig agus geàrr an t-sneachda a' fàs geal airson 's gum bi breug-riochd aca nuair a bhios iad a' sealg airson biadh.
As t-samhradh, nuair a thig aiteamh agus a dh'fhalbhas an sneachd agus filleadh uachdrach a' bhuan-reothaidh, bidh an talamh làn bhoglaichean, làban, lochan agus uillt. Tha coltas fliuch agus bog air an tundra as t-samhradh oir bidh sileadh sam bith a' deatachadh gu mall agus cuideachd seach gu bheil am buan-reothadh a' cur bacadh air drèanadh. Ann am mìosan an t-samhraidh, nuair a tha barrachd bìdh ri fhaotainn, bidh grunn mhamalan a' fuireach san tundra, me caribou (rein-fhiadh), eòin, me trilleachain agus biastagan, me cuileagan dubha.
Freagrachadh fàsmhorachd
Feumaidh fàsmhorachd a bhith fulangach air suidheachadh fuar agus tioram. Thèid aig canach air a bhith beò ann an suidheachadh cruaidh an tundra air sgàth nan adhbharan a leanas:
- goirid – tha fasgadh aige bhon ghaoith agus bidh an sneachd a bhios air uachdar sa gheamhradh ga dhìon bhon fhuachd anabharr
- sìol a sgapas anns a' ghaoith
- duilleagan caola a' ciallachadh nach eil uiread de thaiseachd ga chall
- seusan fàs a tha goirid
- dìtheanan cruinn, dùmhail a' ciallachadh nach eil uiread de theas ga chall
- duilleagan nas duirche a' cuideachadh gus lùth a shùghadh bhon ghrèin