˿

Buaidh obair dhaoine air an àrainneachd nàdarraA' cleachdadh an tundra

Ri linn àrdachadh sluaigh a’ cur cuideam air an àrainneachd, gheibhear gainnead uisge is truailleadh, dì-choillteachadh is bochdainn. Dh’fhaodadh ro-innleachdan manaidsidh ana-caitheamh a lùghdachadh.

Part of ܾԲ-òCùisean cruinneil

A' cleachdadh an tundra

Sealgairean Inuit

Tha tùsanaich air a bhith beò ann an tundra an t-saoghail fad mhìltean bhliadhnaichean gun a mhilleadh. Tha dòigh shìmplidh aca air a bhith beò le bhith a' sealg agus ag iasgach airson a' bhìdh aca – eòin, ròin, uàlrus agus mucan-mara. 'S e dòigh-beatha thraidiseanta agus sheasmhach a th' ann agus iad dìreach a' glacadh na dh'fheumas iad de bhiadh airson a bhith beò. Còmhla ri nithean eile sa chultar agus san dòigh-beatha thraidiseanta aca, tha an dòigh a th' aig sealgairean an Inuit air biadh fhaotainn ann an cunnart air sgàth leasachaidhean mòra.

Mì-chleachdadh san tundra

'S e àrainneachd an tundra tè dhe na h-eag-shiostaman as lugha a chaidh a mhilleadh air an t-saoghal. Ach tha sin ag atharrachadh bho chaidh stòrasan mòra de stuthan amh a lorg ann.

  • Mèinneadh - tha mèinnean air stòrasan mar òr agus daoimein a lorg fon talamh ann an sgìrean an tundra, me ann an Canada na h-Artaig.
  • Croinn-ola a' ciallachadh gum faodar cladhach airson ola sa mhuir. Ann an Alasga, tha an ola air a mach-mhalairt bho raointean ola Bàgh Phrudhoe ann am pìoban air an togail os cionn an talaimh gu port Valdez far nach eil deigh.
  • Gas nàdarra (Meatan haidreat) ga fhaotainn bho Raon Gas Messoyakha ann an Siberia an iar. Tha gas nàdarra air a phumpadh bho shìos fon bhuan-reothadh agus air a chur tro phìoban dhan ear thar an tundra gu leaghadair mheatailtean Norilsk – an iomairt ghnìomhachais as motha san Artaig.
  • Tha gnìomhachasan ùra a' ciallachadh gun deach bailtean a thogail mar Anchorage ann an Alasga airson gum biodh àite-fuirich aig an luchd-obrach. Tha na leasachaidhean sin a' milleadh coltas na dealbh-tìre nàdarra.
  • Chaidh rathaidean a thogail airson daoine agus bathar a ghiùlan. Tha sin a' ciallachadh barrachd charbadan san tundra agus tha iad a' dèanamh fuaim agus a' truailleadh an èadhair.
  • Tha sealg agus iasgach mì-laghail a' cur cuid de ghnèithean ann an cunnart, me mucan-mara.