Malairt agus dlùth-chruinneas
Dè th' ann am malairt?
Tha malairt a' ciallachadh bathar agus seirbheisean air an iomlaid eadar dùthchannan air feadh an t-saoghail. Canar steach-bhathar ri bathar a thèid a thoirt a-steach do dhùthaich, agus mach-bhathar ri bathar a tha air a reic ri dùthaich eile. Bidh malairt a' dol air adhart seach nach eil bathar dèante no stuthan amh gu leòr aig dùthaich sam bith airson a bhith fèin-fhoghainteach. Tha e comasach malairt chruinneil a dhèanamh air sgàth dlùth-chruinneas.
Dè th' ann an dlùth-chruinneas?
Bidh dùthchannan air feadh an t-saoghail a-nis a' conaltradh agus a' faighinn eòlas air cultaran a chèile tro shiubhal agus tro mhalairt. Air sgàth 's gu bheil conaltradh nas fheàrr ann a-nis, faodar bathar a ghluasad air feadh an t-saoghail gu furasta. Tha sinn nar pàirt de dh'eaconamaidh mhòr, chruinneil agus bidh nithean a thachras ann an aon sgìre a' toirt buaidh air feadh an t-saoghail. Canar dlùth-chruinneas ris an seo.
Canar dlùth-chruinneas ris a' phròiseas sa bheil barrachd eadar-cheanglaichean air an t-saoghal mar thoradh air fàs mòr ann am malairt agus ann an iomlaid chultaran. Tha dèanamh bathair agus seirbheisean air a dhol am meud gu mòr air sgàth dlùth-chruinneas. Chan e companaidhean nàiseanta a-nis idir an fheadhainn as motha, ach na corparaidean ioma-nàiseanta le gnìomhachasan ann an iomadh dùthaich.
Tha dlùth-chruinneas air a bhith a' dol air adhart fad cheudan bhliadhnaichean, ach tha e air a dhol am meud gu mòr sna 30 bliadhna mu dheireadh.
Tha dlùth-chruinneas a' ciallachadh:
- barrachd malairt eadar-nàiseanta
- an aon chompanaidh ag obrachadh ann am barrachd air aon dùthaich
- barrachd an eisimeil na h-eaconamaidh chruinneil
- nas fhasa calpa, bathar agus seirbheisean a ghluasad
- companaidhean mar McDonalds agus Starbucks gan aithneachadh ann an dùthchannan fo leasachadh
Ged as iongantach mura bheil dlùth-chruinneas a' cuideachadh le barrachd beairteis a chruthachadh ann an dùthchannan fo leasachadh, chan eil e a' dùnadh a' bheàirn eadar na dùthchannan as bochda air an t-saoghal agus na dùthchannan as beairtiche.
Tha an dealbh a' sealltainn mar a tha beairteas air a sgaoileadh. Chì thu far a bheil na dùthchannan as bochda agus as beairtiche.