Pàtrain malairt an t-saoghail
Dùthchannan leasaichte agus fo leasachadh
Canar cothromachadh malairt ris an diofar eadar luach mach-bhathar agus steach-bhathar dùthcha. Ma tha luach mach-bhathar dùthcha nas motha na tha an steach-bhathar, tha sin a' cruthachadh barras malairt. Tha sin a' ciallachadh gu bheil an dùthaich a' dèanamh airgead bho mhalairt. Ma tha luach mach-bhathar dùthcha nas lugha na steach-bhathar, tha sin a' cruthachadh easbhaidh malairt, sin nach eil an dùthaich a' dèanamh airgead bho mhalairt agus tha i ann am fiachan.
Mar as trice, bidh barras malairt aig dùthchannan leasaichte agus easbhaidh malairt aig dùthchannan fo leasachadh.
'S e dùthchannan le inbhe beòshlaint àrd agus (mar as trice) Mòr-thoradh Dùthcha (MTD) mòr a th' ann an dùthchannan leasaichte. 'S e dùthchannan le inbhe beòshlaint ìosal agus (mar as trice) MTD gu math nas lugha a th' ann an Dùthchannan fo Leasachadh.
Air a' mhap chì thu far a bheil a' mhòr-chuid de dhùthchannan fo leasachadh agus de dhùthchannan leasaichte. Chì thu nach eil an leth-chruinne a deas cho leasaichte, agus gu bheil a' mhòr-chuid dhe na dùthchannan san leth-chruinne a tuath nas leasaichte.
Mar as trice, bidh dùthchannan leasaichte ag às-bhathar bathar luachmhor a chaidh a dhèanamh mar nithean eileagtronaigeach agus càraichean, agus bidh iad a' toirt a-steach bun bhathar nas saoire mar teatha agus cofaidh. Tha a' chùis an aghaidh sin anns na Dùthchannan fo Leasachadh. Tha sin a' ciallachadh gu bheil e a' cur ris na fiachan a th' aca mar-thà agus gu bheil iad fhathast ann am bochdainn.
Bidh prìs bun-bhathair ag atharrachadh ann am margaid an t-saoghail agus tha sin a' ciallachadh gum bi luchd-obrach agus luchd-dèanaimh ann an dùthchannan fo leasachadh a' call nuair a thuiteas a' phrìs. Tha prìs bathar dèante nas stèidheile agus tha sin a' ciallachadh gu bheil dùthchannan leasaichte an-còmhnaidh a' buannachadh.
Tha meudachadh malairt agus lùghdachadh easbhaidh cothromachadh malairt riatanach airson leasachadh DFL. Ach uaireannan, bidh DL a' stèidheachadh chìsean agus chuotathan. Bidh na cìsean gan cur air steach-bhathar, agus bidh sin a' ciallachadh gum bi e nas daoire dhan neach-caitheimh bathar à dùthchannan cèin a cheannach. Tha cuotathan a' ciallachadh gu bheil crìochan air steach-bhathar agus, mar as trice, tha iad ag obrachadh ann am fàbhar dùthchannan leasaichte.
Tha eadar-eisimeileachd eadar dùthchannan a' ciallachadh gu bheil iad an eisimeil a chèile ann an dòigh air choreigin. Mar eisimpleir, tha mòran dhùthchannan fo leasachadh an eisimeil dùthchannan leasaichte airson bathar dèante no cobhair. Tha Dùthchannan Leasaichte an eisimeil Dùthchannan fo Leasachadh airson bun bhathar, me bananathan. Tha dùthchannan fo leasachadh cuideachd an eisimeil turasachd airson teachd-a-steach, ach tha dùthchannan leasaichte an eisimeil gnàth-shìde agus aoigheachd an dùthchannan fo leasachadh mar cheann-uidhe. Mar sin, faodar a ràdh gu bheil dùthchannan eadar-eisimeileach.