ٱùٳ-ܾԲԱ
Deagh bhuaidhean
Bidh tasgadh bho MNCs a' cuideachadh dhùthchannan le bhith a' cruthachadh obraichean ùra agus sgilean do mhuinntir an àite, ach dh'fhaodadh droch bhuaidh a bhith aige cuideachd air sgàth barrachd co-fharpais do ghnìomhachasan ionadail. Cuideachd, tha tòrr dhen phrothaid bho chompanaidhean à dùthchannan cèin ga thoirt a-mach às an dùthaich-aoigheachd.
Bidh MNCs a' toirt beairteas agus airgead cèin do dh'eaconamaidhean ionadail nuair a cheannaicheas iad goireasan, bathar agus seirbheisean ionadail. Faodar an t-airgead a bharrachd a chruthaicheas an tasgadh seo a chosg air piseach a thoirt air foghlam, slàinte agus bun-structar sna dùthchannan fo leasachadh.
Tha mòran ghnìomhachasan sheirbheisean mar na bancaichean air ionadan-fòn a stèidheachadh ann an dùthchannan far a bheil àireamh mhòr de luchd-obrach a' bruidhinn Beurla, me sna h-Innseachan. Tha sin a' ciallachadh gu bheil iad a' buannachadh air sgàth luchd-obrach saor agus seirbheis 24 uairean san latha. Tha sònaichean uarach eadar-dhealaichte a' ciallachadh gun urrainn dha na loidhnichean-fòn agus seirbheis luchd-ceannach a bhith ag obrachadh nas fhaide.
Le bhith a' cur eòlas air beachdan, fiosrachaidhean agus dòigh-beatha dhaoine agus chultaran eile, gheibh daoine eòlas air biadh agus bathar nach b' àbhaist a bhith rim faotainn sna dùthchannan aca fhèin.
Tha dlùth-chruinneas a' toirt barrachd mothachaidh air nithean a tha a' tachairt ann an àitichean a tha fada air falbh. Mar eisimpleir, fhuair an RA fios mun chrith-thalmhainn a bh' ann a' Haiti ann an 2010 gu math luath, agus chaidh cobhair a chur thuca gu luath.
Dh'fhaodadh dlùth-chruinneas daoine a dhèanamh nas mothachaile air cùisean cruinne mar dì-choillteachadh agus blàthachadh na cruinne airson innse dhaibh gu bheil feum air leasachadh seasmhach.