³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2010-03

Tilleadh an t-seann nàbaidh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-03-30, 11:59

Beachdan (0)

Tha sgaradh bheachdan mu Thonaidh Blair.

Chan fhaigh e maitheanas a chaoidh bhoÌýfheadhainn airson Breatainn a thoirt do chogadh ann an Iorac air sgàth armachd lèir-sgrios nach robh ann.

Do dhaoine eile, b' e a cheannas a shàbhail iomadach duine bho sgrìos ann an Sierra Leone agus na dùthchanan Balcanach.

A-rèir cuid, b' esan an duine a bhris an ceangal eadar am pàrtaidh Làbarach, an luchd-taic dualchasach aca agus seann chreideamh an taobh chlì.

Am beachd feadhainn eile, bu chòir a mholadh airson pàrlamaid a thoirt do dh'Alba agus sìth a thoirt do dh'Èirinn a Tuath.

Tha aon rud mun t-seann phrìomhaire mu nach eil deasbad sam bith - b' urrainn dha taghaidhean a bhuannachadh.

Ionndrainn

Aig a' cheann-thall, thugadh air Mgr BlairÌýÀireamh a DeichÌýfhàgail na bu tràithe naÌýdh'iarradhÌýe.

Bha e air taic a chall air na cul-bheingean agus bu dhuiliche dha na polasaidhean aige fhaighinn troimhe.

Nuair a dh'fhalbh e, bha tòrr anns a' phàrtaidh Làbarach glè thoilichteÌýsoraidh slàn aÌýthoirt dha.

, 's dòcha gum bi cuid dhiubh ga ionndrainn.

Fad bhliadhnaichean, b' e an nàbaidh aige air Sràid Dhowning - seach na Tòraidhean - an duine as coltaiche an ceannas a thoirt bhuaithe.

An-diugh, thill Mgr Blair airson ceannas an t-seann nàbaidh sin - an seann nàmhaid sin - a shàbhaladh.

Atharrachadh

Dhìon e clàr nan Làbarach bho 1997Ìýagus ann am faclan soillear rinn e an argamaid airson an ceithreamh teirm de riaghaltas Làbarach as dèidh taghadh na bliadhna-sa.

Mhol e na rinn Gòrdon Brown agus Alisdair Darling airson Breatainn fhaighinn tro thubaist na h-eaconomaidh.

(Airson dhaoine aig a bheil ùidh anns an leithid,Ìýchleachd eÌýainmÌýa' phrìomhaireÌý4 tursan ann an òraid de sheachd duilleag.)

Agus rinn e droch chàineadh air ceannardan ùr nan Tòraidhean, agus Dàibhidh Camshron, ris an abair daoine 'Mac Bhlair'.

Dh'aidich e gun robh atharrachadh tarraingeach as dèidh 13 bliadhna de riaghaltas an aon phàrtaidh - ach, thuirt e,Ìýcha robh e idir soillear dè bhiodh anns an atharrachadh sin.

Bha dùbhlanÌýcuideachd - mar a b' àbhaist do Thony Blair - don phàrtaidh aige fhèin, ge-tà.

°äྱ²Ô±ð²¹»å³ó?

Thuirt an seann phrìomhaire gunÌýrobh dùbhlain mhòraÌýron dùthaich anns an àm ri teachd.

Agus gun robh e an dòchas gur iad na Làbaraich am pàrtaidhÌýaÌýbhiodh comasach dèiligeadh ris na dùbhlain sin.

Dè bha Mgr Blair a' ciallachadh? An robh càineadh anns na faclan air Gòrdon Brown, no rabhadh mun t-slighe an leanadh am pàrtaidh as dèidh an taghaidh?

Tha e dorbh dhomhsa creidsinn ach gun do chleachdÌýòraidiche mar Thony BlairÌýna dearbh fhaclan a dh'iarr e.

'SÌýi a' cheist a-nisÌýam biÌýtilleadh Mhgr Blair na chuideachadh do dh'iomairt nan Làbarach agus an taghadh dìreach seachdainnean air falbh.

Thèid fàilte a chur air na beachdan agaibhse, mar as àbhaist.

°ä±ô¾±Ã¹ air an easbhaidh

Gluasad inntineach bho na Tòraidhean an-diugh air ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô.

Dh'ionnsaich sinn barrachd mu na dhèanadhÌýSeòras Osborne nam faigheadhÌýe grèim air na h-iuchraichean airson àireamh 11 as dèidh an taghaidh.

Tha Alasdair Darling air dà àrdachadh de 0.5%Ìýa chur air anÌýàrachas nàiseanta airson na h-ath-bhliadhna - a' fàgail gun deidheadh e suas 1% bhon Ghiblean 2011.

A-nis, ge-tà, tha na Tòraidhean ag ràdh gun cuireadh iad stad air cuid den àrdachadh sin.

Thuirt Mgr Osborne nach deidheadh a' chìs suas airson daoine a tha cosnadhÌýnas lugha na £35,000.

A-rèir-san, bhiodh seachdnar anns gach deichnar na b' fheàrr dheth mar thoradh air a' pholasaidh seo.

³§Ã ²ú³ó²¹±ô²¹¾±»å³ó±ð²¹²Ô

Ciamar a ghabhas pàigheadh air a shon, ge-tà?

A-rèir tuairmse, dh'fhàgadh seo beàrn deÌý£5.6bn ann an ionmhas na dùthcha.

Airson a' bheàrn sin a lìonadh,Ìýthuirt Mgr Osborne gun gabhadh £12bn de shàbhalaidhean a dhèanamh leis an riaghaltas, £6bn dhiubh ann an 2010-2011.

Anns a' bhuidseat a dh'fhoillsich e diciadain, thuirt Mgr Darling gun gabhadh £11bn de shàbhalaidhean a lorg, ach bu chòirÌýfeitheamh gu ruige 2012-2013 air eagal 's gun dèanadh gearraidhean tràth cron air an eaconomaidh.

Ach tha na Tòraidhean air a ràdh gun tòisicheadh iadsan am bliadhna-sa feuchainn ri easbhaidh na dùthcha a lùghdachadh.

An gabh an dà rud a dhèanamh aigÌýan aonÌýàm?

Easbhaidh

Tha na Làbaraich air a ràdh mar-thà nach gabh pàigheadh airson an dà chuid, lùghdachadh don easbhaidh agus stad air àrdachadh an àrachais nàiseanta gun ghearraidhean mòra a dhèanamhÌýair seirbhisean poblach.

Am beachd Liam Byrne, Àrd-Rùnaire do Roinn an Ionmhais, tha na Tòraidhean airÌýan sùileanÌýa ghluasad bho ghearradh na h-easbhaidh.

AirÌýtaobh eileÌýna h-argamaid, ge-tà, thèid an t-àrachas nàiseanta a phàigheadh le luchd-obrach agus luchd-fasdaidh.

Mar sin, muraÌýbiodh daoine ag obair, bu bheag a gheibheadh an riaghaltas bhonÌýchìs co-dhiù.

A-rèir Mhgr Osborne, tha e na chìs air "cosnaidhean" agus air "na meadhan-chlasaichean".

B' fheàrr, na bheachd, a' chìs a gheàrradh airson spionnadh a thoirtÌýair anÌýeaconomaidh.

°ä±ô¾±Ã¹

Tha an gluasad is ùire seo bho Mhgr Osborne fiù 's nas cudromaiche oir tha na Tòraidhean air an cliù aca a steidheachadh air na planaichean aca airson an easbhaidh a ghearradh.

Tha na Tòraidhean air an easbhaidh a phutadh gu teis-mheadhan an deasbaid ron taghadh seo.

Ach ma dh'fhaoidte gu bheil Mgr Osborne air cron a dhèanamh air cliù a' phàrtaidh air a' chùis.

Tha àrdachadhÌýair àrachas nàiseanta aig cridhe plana nan Làbaraich an easbhaidh a thoirt a-nuas.

Ma chreideasÌýan luchd-bhòtaidh nach gabh sin a dhèanamh as aonais an àrdachaidh sin, dh'fhaodadh na Tòraidhean a bhith ann an cunnart.

Leanaidh anÌýargamaid seoÌýann an deasbadÌýeadarÌýMgr Osborne, MgrÌýDarling agus an Dtr Cable airÌýSianal 4Ìýa-nochd.

Toiseach brònach airson an SNP anns an Aghaidh Mhòir

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-03-19, 18:44

Beachdan (0)

Bheir bàs Billy Wolfe an-diugh aig aois 86 sgàile air co-labhairt an SNP anns an Aghaidh Mhòir.

B' eÌýBilly Wolfe ceannard a' phàrtaidhÌýbho 1969 gu 1979 agus b' ann fon cheannas aigesan a fhuair am pàrtaidh an torradh a b' fheàrr aca a-riamh ann am taghadh do phàrlamaid Westminster.

Chaidh 11 buill-pàrlamaid nàiseantach a thoirt do Thaigh nan Cumantan ann an 1974, ged a chaill naoinear dhiubh na seataichean aca ann an 1979.

An-diugh, ged a tha am pàrtaidh ann an cumhachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, a chaidh a stèidheachadh as dèidh darna referendum ann an 1997, chan eil achÌýseachdnar aig an SNP mu dheas.

Rinn ceannard an là an-duigh, Ailig Salmond, luaidh air Billy Wolfe, ag ràdh gum b' ann fo stiùireadh esan aÌýchaidh an SNP na phàrtaidh phroifeiseanta.

Seasaidh muinntir a' phàrtaidh airson mionaid de shamhchair mus tòisich obair a' cho-labhairt a-màireach.

'Gasgaich ionadail'

'S e targaid an SNP 20 ball-pàrlamaid a chur gu Westminster as dèidh an taghaidh a tha dìreach seachdainnean air falbh.

Nan robhÌýsin a' coimhead duilich nuair a chaidh a foillseachadh an uiridh, tha e a' coimhead fiù 's nas duilghe a-nis.

Gu dearbh, dh'fhaoidte nach dèan Ailig Salmond iomradh air an targaid sin idir - chì sinn nuair a ghabhas e an òraidh aige a-màireach.

Ach, bidh am prìomh mhinistear a' feuchainn ris a' phàrtaidh a bhrosnachadh airson an sabaid a tha romhpa.

'S e teachdaireachd a' phàrtaidh gum biodh buill nàiseantach nan 'gasgaich ionadail', a' seasadh suas airson Alba ann am Westminster.

Tha Mgr Salmond den bheachd gu faodadh iad buaidh mhòr a thoirt air cùisean mura bhios mòr-chuid aig pàrtaidh sam bith as dèidh an taghaidh.

Agus, their e, gun dìonadhÌýiad Alba bho ghearraidhean a' tighinn à Westminster.

A-nochd, ge-tà, 's e oidhche bhrònach a tha seoÌýairsonÌýanÌýSNP, agus airson poileataigs na h-Alba anns an fharsaingeachd.

Dà shealladh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-03-17, 14:22

Beachdan (0)

Fhuair sinn dà shealladh eadar-dhealaichte mu staid na h-eaconomaidh an-diugh.

ChaidhÌýfigearan fhoillseachadh an-diugh airson nan trìÌýmìosan gu deireadh 2009.

A-rèir nam figearan seo chaidh an àireamh de dhaoine gun chosnadh ann am Breatainn sìos le 33,000.

Tha sin a' fàgail an àireamh de dhaoine gun chosnadh ann am Breatainn aig 2.45m no 7.8%.

Deagh naidheachd a tha seo, ged a tha tòrr dhaoine fhathast a' fuilling.

Ach chan eil deagh naidheachd sam bith anns na figearan airson Alba.

Cion-cosnaidh

Chaidh an àireamh de dhaoine gun chosnadh ann an Alba suas le 16,000.

Tha sin a' fàgail an àireamh de dhaoine gun chosnadh ann an Alba aig 205,000 no 7.6%.

Tha sin fhathast beagan fon ìre Bhreatanaich ged a tha cìon-cosnaidh an Alba air a dhol suas ann an Alba agus sìos anns an rìoghachd air fad.

Mu dheas, chuir Rùnaire na h-Obrach, Yvette Cooper, fàilte air na figearan ùra.

Ach thuirt i gun robh an eaconamaidh fhathast cugallach, agus nach biodh e ceart gearraidhean tràth a dhèanamh mar a tha na Tòraidhean a' moladh.

Ach ann an Alba, tha eas-aonta mu cò as coireach airson an àrdachaidh.

Cunnart

Chuir ceannard nan Làbarach, Iain Gray, a' choire air a' phrìomh mhinistear, ag ràdh nach robh Ailig Salmond agus an riaghaltas aigeÌýair gu leòr a dhèanamh airson cosnaidhean a dhìon no a chruathachadh.

Ach ann an dòigh, bhaÌýan SNPÌýfhèin an-diugh ag ràdh rudan gu math coltach ri na thuirt co-obraichean Mhgr Gray aig Westminster.

Airson nan nàiseantach, thuirt am ball-pàrlamaid airson Ghlaschu an Ear, Iain Mason, gun robh gearraidhean bho Westminster a' cur eaconomaidh na h-Alba ann an cunnart.

Chuir esan a' choire air an riaghaltas Làbarach as dèidh mar a dhiùlt iad airgead a thoirt air adhairt airson eaconomaidh na h-Alba a chuideachadh.

Ach, tha na Làbarach, na nàiseantaich agus na Lib Deamaich uile ag ràdh gum biodh gearraidhean tràth cunnartach don eaconomaidh.

'S e beachd nan Tòraidhean gum biodh e cunnartach an cur dheth.

Roinn phoblach

Tha fios aca uile, ge-tà, gu bheil gearraidhean a' tighinn.

BhoÌýna figearan ùra a chaidh fhoillseachadh an-diughÌýtha e coltachÌýgu bheil an ìre de chion-cosnaidh ann an Alba agus an ìre airson na Rìoghachd Aonaichte a' tighinn còmhla.

Tha nas motha de dhaoine ann an Alba ag obair anns an roinn phoblaich, rud a bha gar dìon nuair a thòisich crìonadh na h-eaconomaidh.

A-nis, ge-tà, tha dragh draghail gun dèan sin nas duilghe do dh'Alba tighinn a-mach às an staing.

Sin am beachd a bha aig Liz Chamshron, bho Sheòmraichean Malairt na h-Alba.

Dh'fhaodadh tuilleadh droch naidheachd a bhith air fàire.

Slighe air adhart airson deasbadan?

Tha ceannardan an SNP air a bhith glachte ann an coinneamhan leis a' BhBC agus STV mu dheasbadan telebhisein an taghaidh.

Sgrìobh mi roimhe gun robh na Nàiseantaich mì-thoilichte le plana nan craoladairean - am ³ÉÈË¿ìÊÖ, ITV agus SKY - deasbadan a chumail às an aonais.

B' e plana nan craoladairean deasbadan a chumail eadar Gòrdon Brown, Dàibhidh Camshron agus Nick Clegg, le deasbadan fa leth airson Alba, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath.

As dèidh coinneamh leotha an-diugh, tha am ³ÉÈË¿ìÊÖ ag ràdh gun toir iad sùil air molaidhean an SNP, an dà chuid mu na deasbadan mòra agus mun deasbad Albannach.

Thuirt comhairliche phoileataigeach a' BhBC, Ric Bailey, gun robh na coinneamhan feumail.

Tha e coimhead coltach gu bheil an dà thaobh a' lorg aonta agus gu faodadh slighe air adhart a bhith ann.

Molaidhean

Ach dè dìreach a tha annsÌýna molaidhean sin?

ThaÌýan SNPÌýa' moladh deasbadÌýa bharrachdÌýfar am biodh Mgr Salmond agus ceannard Phlaid CymruÌýIeuan Wyn JonesÌýa' deasbad leÌýMgr Brown, Mgr Camshron agus Mgr Clegg.

Bhiodh aca ri deasbad a chumail air cùisean Albannach agus Cuimreach.

Sin an àite na bha na craoladairean a' moladh, far am biodh Mgr Salmond aig a' bhòrd le ceannardan Albannach nam pàrtaidhean eile.

Thuirt Mgr Salmond gun robh e a' feitheamh airson freagairt bhon BhBC.

Chì sinn a dh'aithgheàrr an e slighe air adhart a tha seo.

Ìý

Aiseagan agus seataichean

Trod inntinneach mu fharaidhean aiseig aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh - ged nach b' ann dìreach mu dheidhinn aiseagan a bha e.

Chaidh fhoillseacahdh an-diugh gun deidheadh faraidhean Chaledonian Mhic a' Bhruathainn suas 2%.

Thuirt ceannard nan Lib Deamach gun toireadh seo buaidh air Earra-Ghaidheal agus Bòid - sgìre Ministear an SNP Jim Mather.

Ach, thuirt Tavish Scott nach deidheadh sgillinn a thoirt far an airgid airson sgeama RET anns na h-Eileanan an Iar.

A-rèir Mhgr Scott, b' e brìob £7.5m airson sgìre Alasdair Allan a bha seo.

Cia mheud, dh'fhaighnich, eÌýden àrdadachadh ann amÌýfaraidhean ann an Earra-Ghaidheal a bha ga chleachdadh gus pàigheadh airson RET anns an h-Eileanan an Iar?

±·Ã ¾±°ù±ð

Cha do chòrd sin ris a' phrìomh mhinistear idir.

Thuirt Ailig Salmond gur e àdhbhar nàire a bha ann do Thavish Scott a bhith a' bruidhinn mu sgeama RET mar sin.

Chum eÌýa-mach gun deach fàilte a chur air an sgeama le daoine air feadh na dùthcha, agus e a' toirt taic doÌýchoimhearsneachdan iomallach.

Cha robh fios aig a' phrìomh mhinistear cia mheudÌýduine anns na h-Eileanan an Iar a bha nam buill deÌýphàrtaidh Thavish Scott.

Ach bha e cinnteach gun deidheadh an àireamh sin a lùghdachadh às dèidh na thuirtÌýMgr Scott mu RET.

Chan eilÌýsùil nan Lib Deamach air na h-Eileanan an Iar ge-tà.

Draghail

Chaill an Lib Deamach George Lyon Earra-GhàidhealÌýagus Bòid do Jim Mather aig an taghadh Albannach mu dheireadh ann an 2007.

Agus bha iad air dheireadh air na Nàiseantaich anns an taghadh Eòrpach an-uiridh cuideachd.

Aig co-làbhairt Albannach a' phàrtaidh ann am Peairt air an deireadh sheachdain, thuirt na Lib Deamaich ris an do bhruidhinn mi fhìn nach robh iad draghail mun sgìre aig an taghadh choitcheann.

Bha misneachd aca nach biodh uidhir de dhaoine a' bhòtadh airson an SNP ann an taghadh do phàrlamaid Westminster.

Am beachd aon duine faisg air George Lyon - a tha a-nis na bhall den Phàrlamaid Eòrpaich - bha an SNP air gealltanasan a bhriseadh air aiseagan an Earra-Ghàidheal.

Carson, dh'fhaighnich e, am bu chòir do mhuinntir na sgìre misneachd a chur ann am ball-pàrlamaid nàiseantach?

Bhiodh atharrachadh de 10.5% a dhìth airson an seat a thoirt don SNP aig an taghadh choitcheann.

Ach, mura h-eil na Lib Deamaich draghail mu dheidhinn, carson a chaidh a' chùis a thogail le ceannard a' phàrtaidh aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir?

Buidseat Bhreatainn

Tha fios againn a-nis cùin a thèid am buidseat mu dheireadh ron taghadh choitcheann fhoillseachadh.

'S ann air an 24mh den Mhàrt a bheir Alistair Darling buidseat mu dheireadh na pàrlamaid seo seachad.

Dh'fhaodadh gur e am buidseat mu dheireadh dhan riaghaltas seo cuideachd.

Tha sinn dìreach siaÌýseachdainean ron là nuair a tha dùil ris an taghadh fhèin - an 6mh den Cheitean.

Bidh buidseatan an còmhnaidh mu dheidhinn poileataigs is chan ann dìreach mu dheidhinn airgid.

An turas-sa, bidh seo cho fìor 's a bha e a-riamh.

Gearraidhean

Feuchaidh an Seansalair ri roghainn a chur air beulaibh an t-sluaigh eadar na Làbaraich agus na Tòraidhean air an eaconomaidh.

B' e sin an dearbh rud a rinn Gòrdon Brown nuair a thug e òraid mhòr seachad air a' chùis an-diugh ann an Lunnainn.

Thuirt am prìomhaire nach robh stoirm na h-eaconomaidh seachad, ach gun robh na Làbaraich air Breatainn a stiùireadh troimphe gu ruige seo.

Cha b' e seo an t-àm, thuirt e, airson an t-slighe atharrachadh - b' fheudar do Bhreatainn cumail air a' chursa air an robh i.

Bha Mgr Brown a' dèanamh iomradh air a' cheist a tha aig cridhe an deasbaid air an eaconomaidh, mu ghearraidhean do na bhios an riaghaltas a' cosg.

Chan i a' cheist am bu chòir do ghearraidhean a bhith ann, ach cùine thachras iad, dè thèid a ghearradh, agus dè cho domhainn 's a bhios iad.

Buidseat èiginneach

Tha na Tòraidhean airson buidseat èiginneach a chumail cho luath 's a bhios an taghadh seachad.

Tha Dàibhidh Camshron is Seòras Osborne den bheachd gu bheil easbhaidh na dùthcha a' cur cliù Bhreatainn ann an cunnart agus gu feum na gearraidhean tòiseachadh am bliadhna seo fhèin.

Ach tha Mgr Brown is Mgr Darling den bheachd gum biodh sin cunnartach agus an eaconomaidh fhathast cugallach.

Tha an SNP agus na Lib Deamaich ag aontachadh riutha gum biodh e cunnartach gearraidhean a dhèanamh ro thràth.

Tha an SNP den bheachd gu bheil e ro thràth airgead a ghearradh far bhuidseat na h-Alba.

Aig co-labhairt Albannach nan Lib Deamach ann am Peairt, thuirt Tavish Scott gum biodh £300 a bharrachd aig riaghaltas na h-Alba ri chosg ri linn sàbhalaidhean a dhèanadh Vince Cable mar sheansalair.

'S i a' cheist a-nis dè an rud as motha a chuireas dragh air an luchd-bhòtaidh - na gearraidhean fhèin no na dh'fhaodadh tachairt ma thèid an cur dheth.

Dh'fhaodadh an fhreagairt don cheist sin buaidh mhòr a thoirt air toradh an taghaidh.

Ìý

Deasbad nan deasbadan

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-03-04, 14:41

Beachdan (0)

Car eile an-diugh ann an deasbad nan deasbadan aÌýtha air fàire ann an iomairt an taghaidh.

'S e plana nan craoladairean ³ÉÈË¿ìÊÖ, ITV agus SKY trì deasbadan a chumail leÌýceannardan nam pàrtaidhean as motha aig Westminster.

A bharrachd air na deasbadan eadar Gòrdon Brown, Dàibhidh Camshron agus Nick Clegg, bidh deasbadan fa leth airson Alba, na Cuimrigh agus Èirinn a Tuath.

'S e argamaid nan craoladairean gurÌýiad na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Lib Deamaich a-mhàin a bhios a' seasamh ann an gach sgìre ann am Breatainn (ach chan ann an Èirinn a Tuath).

Cha b' urrainn, tha iad ag ràdh, do cheannard pàrtaidh eile a bhith na phrìomhaire as dèidh an taghaidh.

Mar a bhiodh dùil, chan eil a h-uile duine idir riaraichte le sin.

Cothrom na fèinne

As dèidh coinneamh sònraichte aig Westminster an-diugh, dh'aontaich an SNP agus Plaid CymruÌýsùilÌýùr a thoirt air na polasaidhean craolaidh aca.

Aig an ìre-sa, tha na nàiseantaich Albannach agus Cuimreach a' cur taic ri cìs an telebhisein - ach an-diugh thuirt iad gu faodadh sin atharrachadh.

Thuirt ceannard Phlaid Cymru aig Westminster, Elfyn Llwyd, nach faigheadh luchd-pàighidh na cìse anns a' Chuimrigh agus an Alba cothrom na fèinne mura cuala iad bho Phlaid agus bhon SNP anns na deasdadan mòra.

Am beachd Aonghais Robasdan, bha na craoladairean, còmhla ris na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Lib Deamaich, a' feuchainn ri 'dùthchanan làn' a chumail a-mach às na deasbadan seo.

Air Twitter, tha an SNP a-nis ag ràdh a-rithist gu feum craoladh a bhith fo smachd Holyrood seach Westminster.

Mura tèid aonta a ruighinn leis na nàiseantaich, dh'fhaodadh seo dol don chùirt.

A' cheist as motha...

'S i a' cheist as motha ann am poileataigs na h-Alba a-nochd carson a tha an duine a bha gu ruige an-diugh na cheannard air Comhairle Bhaile Ghlaschu air a dhreuchd fhàgail?

Aig coinneamh shònraichte na buidhne Làbaraich air a' chomhairle, chaidh fhoillseachadh an-diugh gum biodh Steven Purcell a' fàgail, agus trioblaidean ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð air.

Thèid leas-cheannard na comhairle, Jim Coleman, na àite gus an tèid ceannard ùr a thaghadh.

Tha Mgr Purcell - a tha 37 bliadhna dh'aois - air a bhith na dhreuchd fad còig bliadhna.

Bha cuid an dùil gun robh dreuchd mhòr anns a' phàrtaidh Làbarach - mar bhall-pàrlamaid no fiù 's mar cheannard na buidhne aig Holyrood - air fàire dha.

A-nochd, ge-tà, is coltach gun tug trioblaidean ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð air plana sam bith mar sin a chur don darna taobh.

Claoidhte

Thuirt an sgiopa lagha aig Mgr Purcell gun robh e 'claoidhte' air sgàth na h-obrach aige.

Thuirt iad gun robh e anns an ospadal a' faighinn cùram.

Bha Mgr Purcell fo uallachÌýairÌýsgàth naÌýconnspaid air Compàirteachas Còmhdhail Sràth Chluaidh agus a thaobh ullachadh airson Geamaichean a' Cho-fhlaitheis.

An-diugh chaidh a mholadh leis a' phrìomh mhinistear, Ailig Salmond, airson na rinn e gus na geamaichean a thoirt do Ghlaschu.

ThaÌýMgr Purcell air a' chompanaidh PR Media House fhastadh, a' toirt air feadhainn faighneachd a bheil barrachd anns an sgeulachd.

Cha bhiodh e na iongnadh nan robh barrachd againn ri innse madainn a-màireach.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.