³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Tilleadh an t-seann nàbaidh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-03-30, 11:59

Tha sgaradh bheachdan mu Thonaidh Blair.

Chan fhaigh e maitheanas a chaoidh bho fheadhainn airson Breatainn a thoirt do chogadh ann an Iorac air sgàth armachd lèir-sgrios nach robh ann.

Do dhaoine eile, b' e a cheannas a shàbhail iomadach duine bho sgrìos ann an Sierra Leone agus na dùthchanan Balcanach.

A-rèir cuid, b' esan an duine a bhris an ceangal eadar am pàrtaidh Làbarach, an luchd-taic dualchasach aca agus seann chreideamh an taobh chlì.

Am beachd feadhainn eile, bu chòir a mholadh airson pàrlamaid a thoirt do dh'Alba agus sìth a thoirt do dh'Èirinn a Tuath.

Tha aon rud mun t-seann phrìomhaire mu nach eil deasbad sam bith - b' urrainn dha taghaidhean a bhuannachadh.

Ionndrainn

Aig a' cheann-thall, thugadh air Mgr Blair Àireamh a Deich fhàgail na bu tràithe na dh'iarradh e.

Bha e air taic a chall air na cul-bheingean agus bu dhuiliche dha na polasaidhean aige fhaighinn troimhe.

Nuair a dh'fhalbh e, bha tòrr anns a' phàrtaidh Làbarach glè thoilichte soraidh slàn a thoirt dha.

, 's dòcha gum bi cuid dhiubh ga ionndrainn.

Fad bhliadhnaichean, b' e an nàbaidh aige air Sràid Dhowning - seach na Tòraidhean - an duine as coltaiche an ceannas a thoirt bhuaithe.

An-diugh, thill Mgr Blair airson ceannas an t-seann nàbaidh sin - an seann nàmhaid sin - a shàbhaladh.

Atharrachadh

Dhìon e clàr nan Làbarach bho 1997 agus ann am faclan soillear rinn e an argamaid airson an ceithreamh teirm de riaghaltas Làbarach as dèidh taghadh na bliadhna-sa.

Mhol e na rinn Gòrdon Brown agus Alisdair Darling airson Breatainn fhaighinn tro thubaist na h-eaconomaidh.

(Airson dhaoine aig a bheil ùidh anns an leithid, chleachd e ainm a' phrìomhaire 4 tursan ann an òraid de sheachd duilleag.)

Agus rinn e droch chàineadh air ceannardan ùr nan Tòraidhean, agus Dàibhidh Camshron, ris an abair daoine 'Mac Bhlair'.

Dh'aidich e gun robh atharrachadh tarraingeach as dèidh 13 bliadhna de riaghaltas an aon phàrtaidh - ach, thuirt e, cha robh e idir soillear dè bhiodh anns an atharrachadh sin.

Bha dùbhlan cuideachd - mar a b' àbhaist do Thony Blair - don phàrtaidh aige fhèin, ge-tà.

°äྱ²Ô±ð²¹»å³ó?

Thuirt an seann phrìomhaire gun robh dùbhlain mhòra ron dùthaich anns an àm ri teachd.

Agus gun robh e an dòchas gur iad na Làbaraich am pàrtaidh a bhiodh comasach dèiligeadh ris na dùbhlain sin.

Dè bha Mgr Blair a' ciallachadh? An robh càineadh anns na faclan air Gòrdon Brown, no rabhadh mun t-slighe an leanadh am pàrtaidh as dèidh an taghaidh?

Tha e dorbh dhomhsa creidsinn ach gun do chleachd òraidiche mar Thony Blair na dearbh fhaclan a dh'iarr e.

'S i a' cheist a-nis am bi tilleadh Mhgr Blair na chuideachadh do dh'iomairt nan Làbarach agus an taghadh dìreach seachdainnean air falbh.

Thèid fàilte a chur air na beachdan agaibhse, mar as àbhaist.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.