³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Òraidean an là an-diugh

Niall O’Gallagher | 2010-04-01, 15:21

Bha mi air Prògram Choinnich anns a' mhadainn a' gabhail pàirt ann an deasbad mu òraidean poileataigeach an là an-diugh.

B' i a' cheist an robh luchd-poileataigs fhathast ann a bha math air òraidean a thoirt seachad?

Dè thachair do na seann òraidichean poileataigeach mar Winston Churchill, J.F. Kennedy no Michael Foot nach maireann?

Nuair a chaochail Mgr Foot chaidh a mholadh bho gach taobh ann am poileataigs Bhreatainn airson nan òraidean aige, ann am Taigh nan Cumantan agus taobh a-muigh na pàrlamaid.

A bheil daoine deònach fiù 's èisteachd ri òraidean fada bho luchd-poileataigs fhathast?

Agus a bheil na meadhanan a' dèanamh cron air òraidean, gan gearradh sìos gu dhà no trì puingean a ghabhas craoladh no cur ann an clò?

Tarraingeach

'S dòcha gu bheil na meadhanan as coireach gu ìre airson gainnead deagh òraidichean ann am poileataigs an là an-diugh.

Ach chan e sin deireadh na sgeòil.

Tha Barack Obama a' sealltainn gu bheil ùidh aig daoine fhathast ann an òraidean poileataigeach ma thèid an sgrìobhadh agus an toirt seachad ann an dòigh a tha tarraingeach.

Agus tha an eadar-lìon a' toirt chothroman do luchd-poileataigs bruidhinn ri daoine gun smachd air na faclan aca a thoirt don luchd-naidheachd.

Tha dùil gun tèid an taghadh a ghairm an ath-sheachdainn agus ged a tha mi 'n dòchas gun cluinn sinn òraidean mìorbhalach bho gach taobh, chan eil mi cinnteach gun tachair sin.

Ge b' e dè thacras, ge-tà, bidh sinn a' leantainn na h-iomairt gu là an taghaidh fhèin.

BeachdanFàg beachd

  • 1. Aig 23:30 Air 2010-04-01, Sgrìobh HandyAnnie:

    (Cha chuala mi an deasbad agaibh air Prog Choinnich.)

    Ma ni thu aon mhearachd ann an oraid bidh bidh a' mhearachd air "teip" agus bidh na meadhanan a' toirt asad gu brath ma deidhinn.

    Sna sgoiltean an-diugh bidh a' chlann nan suidhe timcheall bhuird. Chan eil iad cleachdte ri coimhead air am beulaibh (far an robh an tidsear na sheasamh sna laithean a dh'fhalbh) airson barrachd air mionaid neo dha.

    Tha/bha Barrack Obama cleachdte ri bhith a' gabhail pairt ann an seirbhisean san eaglais. (Tha David Cameron, Gordan Brown agus Tony Blair cleachdte ris cuideachd gu ire.)

    Bidh cuisean nas miosa nuair a thig an la nuair nach eil againn ach luchd-polataics nach cuala oraidichean sam bith a-riamh roimhe.

    Agus mar a theid sios an aireamh de dhaoine a bhios a' dol dhan eaglais sann as aindeonaiche sa bhios daoine eisteachd ri oraidean.

    A bharrachd air an eaglais agus polataics feumaidh sinn roinnean ura a lorg anns an urrainn do dhaoine faighinn a-mach cho math 's a tha deagh oraidichean eisteachd riutha.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.