³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Toiseach na h-Iomairt

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-06, 10:10

Aig a' cheann thall, thòisich i.

As dèidh na coinneamh mu dheireadh aige leis a' chaibineat, chaidh Gòrdon Brown do Lùchairt Bhuckingham gus iarraidh air a' Bhanrigh pàrlamaid a sgaoileadh.

An uair sin, shiubhal an carbad aige an t-astar beag suas an rathad gu Sràid Dhowning airson teachdaireachd a thoirt don mhòr-shluagh.

Mus do thòisich e a' bruidhinn mu 1100, bha Dàibhidh Camshron agus Nick Clegg air an luchd-taic acasan a bhrosnachadh mar-thà.

Tha na Tòraidhean agus na Lib Deamaich airson toirt air daoine creidsinn gum biodh cùisean na b' fheàrr nan robh an ceannard acasan ann an Àireamh a Deich às dèidh an taghaidh.

Mu thuath bha Ailig Salmond ag ullachadh airson na h-iomairt agus an SNP airson 20 ball a thoirt do Westminster - buidheann a dh'fhaodadh a bhith cumhachdail mura biodh mòr-chuid aig pàrtaidh sam bith.

Deasbadan

Mar a bha dùil, thèid an taghadh a chumail air an 6mh den Chèitean.

Tha sin a' fàgail beagan a bharrachd air ceithir seachdainean mus bi cothrom aig an luchd-bhòtaidh tighinn gu co-dhùnadh.

Tha aca, an toiseach, ri duine a thaghadh airson an riochdachaidh ann an Taigh nan Cumantan - chan eil sinn a' taghadh ceann-suidhe.

Ach, dh'fhaodadh gum bi ceannardan nam pàrtaidhean fiù 's nas cudromaiche am bliadhna na bha roimhe.

Airson a' chiad uair, thèid deasbadan telebhisein a chumail a bheir cothrom don luchd-bhòtaidh coimeas a dhèanamh eatorra.

Cha chinnteach fhathast dè am pàirt a chluicheas an SNP anns na deasbadan sin, ach dh'fhaodadh iad buaidh mhòr a thoirt air torradh an taghaidh.

Sgìrean targaid

Tha na cùnntasan-bheachd air teannachadh gu mòr anns na mìosan a dh'fhalbh a' fàgail gu bheil cuid a' bruidhinn mu phàrlamaid gun mhòr-chuid - rud nach do thachair o 1974.

Ann an Alba tha sinn air fàs gu math cleachdte ris an t-suidheachadh sin, nuair a bhios aig pàrtaidhean ri aonta a dhèanamh eatorra - chan eil Westminster cho cleachdte ris idir.

Ach, mus tachair sin, feumaidh an luchd-bhòtaidh beachd a thoirt seachad.

Tachraidh an iomairt aig co-dhiù dà ìre - aig an ìre nàiseanta, agus aig an ìre ionadail, gu h-àraid anns na sgìrean targaid, far an dèan na pàrtaidhean tòrr den oidhirp aca.

Aig an deireadh, bidh aig an luchd-bhòtaidh ri roghainn mhòr a dhèanamh mu na daoine a bhios gar riaghaladh airson na bliadhnaichean a tha romhainn.

Thèid fàilte a chur air na beachdan agaibhse air feadh na h-iomairt sin.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.