³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

°ä±ô²¹³¦³ó-±ðò±ô²¹²õ

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-04-06, 12:39

Chaidh am facal psephology a chleachadh a' chiad uair leis an fhear-eachdraidh Shasannach R.B. McCallum ann an 1952 gus bruidhinn mu sgrùdadh thaghaidhean.

Chleachd e am facal Greugach 'psephos', no 'clachag' leis gum b' ann le clach a b' àbhaist do na seann Ghreugaich bhòtadh.

'S e pàipearan is chan e clachan a chleachdas sinn an-diugh, ach ann an dòigh, chan eil bhòtadh air atharrachadh gu mòr on uair sin.

Mar sin, às dèidh a' Chalumaich, dè mu dheidhinn clach-eòlas mar fhacal Gàidhlig airson sgrùdadh thaghaidhean?

Ma bhios moladh nas fheàrr agaibh, bu mhath a chluinntinn anns an dòigh àbhaisteach.

Anns an eadar-ama, ge-tà, dè tha aig na h-eòlaichean ri innse dhuinn mun taghadh a tha romhainn a-nis?

µþ±ðà°ù²Ô

Gus an tèid a sgaoileadh an ath-sheachdain, tha 646 buill ann an Taigh nan Cumantan - tha sin a' dol an àirde gu 650 am bliadhna.

Ann an 2005 bhuannaich na Làbaraich an taghadh às dèidh dhaibh 356 buill fhaighinn - fada air thoiseach air na Tòraidhean a fhuair 198.

Fhuair na Lib Deamaich 62 agus an SNP 6.

Cha robh a' bheàrn eadar na fhuair na Làbaraich agus na Tòraidhean ann am bhòtaichean ach 3% - 35.3% gu 32.3%.

Ach tha beàrn mhòr mhòr eatorra ann an seataichean.

Ged a tha iad air a bhith air thoiseach anns na cùnntasan-bheachd fad greis mhòir, is duilich do na Tòraidhean fhathast a' bheàrn sin a lìonadh.

Gluasad

A-rèir tuairmse, bhiodh gluasad de 6.9% a dhìth bho na Làbaraich do na Tòraidhean airson mòr-chuid a thoirt do Dhàibhidh Camshron.

Cha do thachair càil mar sin ach turas on darna chogadh agus b' e sin ann an 1997.

Fiù 's nuair a bha a' bheàrn eadar na Làbaraich agus na Tòraidhean na b' fharsainge, cha robh Mgr Camshron cho fada air thoiseach agus a bha Tony Blair ron taghadh sin.

Gu sìmplidh tha e nas fhasa do na Làbaraich an taghadh seo a chall na tha do na Tòraidhean a bhuannachadh.

'S ann air sgàth sin a tha daoine a' bruidhinn mu phàrlamaid gun mhòr-chuid - suidheachadh a bheireadh cothroman ùra do na Lib Deamaich agus an SNP.

Chan e sin ach a' chiad leth den sgeul, ge-tà.

Sgìrean targaid

'S e an darna leth gun tachair pàirt mòr den iomairt anns na sgìrean targaid, na grunn sgìrean far a bheil na pàrtaidhean faisg.

Nì gach pàrtaidh oidhirp mhòr anns na sgìrean sin agus 's ann an sin a thèid an t-airgead aca a chosg cuideachd.

Ann an Alba tha 39 buill aig na Làbaraich an-dràsta, 12 aig na Lib Deamaich, 7 aig an SNP agus 1 aig na Tòraidhean.

Tha aig na Làbaraich ri grèim a chumail air na th' aca an Alba ma tha iad airson grèim a chumail air iuchraichean Àireamh a Deich.

Tha an SNP ag iarraidh 20 ball, na Lib Deamaich 4 a bharrachd agus na Tòraidhean nas motha na dìreach 1 a bhith aca.

Chan eil aig mìos aca ris na targaidean sin a ruighinn.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.