³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Toiseach brònach airson an SNP anns an Aghaidh Mhòir

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-03-19, 18:44

Bheir bàs Billy Wolfe an-diugh aig aois 86 sgàile air co-labhairt an SNP anns an Aghaidh Mhòir.

B' e Billy Wolfe ceannard a' phàrtaidh bho 1969 gu 1979 agus b' ann fon cheannas aigesan a fhuair am pàrtaidh an torradh a b' fheàrr aca a-riamh ann am taghadh do phàrlamaid Westminster.

Chaidh 11 buill-pàrlamaid nàiseantach a thoirt do Thaigh nan Cumantan ann an 1974, ged a chaill naoinear dhiubh na seataichean aca ann an 1979.

An-diugh, ged a tha am pàrtaidh ann an cumhachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, a chaidh a stèidheachadh as dèidh darna referendum ann an 1997, chan eil ach seachdnar aig an SNP mu dheas.

Rinn ceannard an là an-duigh, Ailig Salmond, luaidh air Billy Wolfe, ag ràdh gum b' ann fo stiùireadh esan a chaidh an SNP na phàrtaidh phroifeiseanta.

Seasaidh muinntir a' phàrtaidh airson mionaid de shamhchair mus tòisich obair a' cho-labhairt a-màireach.

'Gasgaich ionadail'

'S e targaid an SNP 20 ball-pàrlamaid a chur gu Westminster as dèidh an taghaidh a tha dìreach seachdainnean air falbh.

Nan robh sin a' coimhead duilich nuair a chaidh a foillseachadh an uiridh, tha e a' coimhead fiù 's nas duilghe a-nis.

Gu dearbh, dh'fhaoidte nach dèan Ailig Salmond iomradh air an targaid sin idir - chì sinn nuair a ghabhas e an òraidh aige a-màireach.

Ach, bidh am prìomh mhinistear a' feuchainn ris a' phàrtaidh a bhrosnachadh airson an sabaid a tha romhpa.

'S e teachdaireachd a' phàrtaidh gum biodh buill nàiseantach nan 'gasgaich ionadail', a' seasadh suas airson Alba ann am Westminster.

Tha Mgr Salmond den bheachd gu faodadh iad buaidh mhòr a thoirt air cùisean mura bhios mòr-chuid aig pàrtaidh sam bith as dèidh an taghaidh.

Agus, their e, gun dìonadh iad Alba bho ghearraidhean a' tighinn à Westminster.

A-nochd, ge-tà, 's e oidhche bhrònach a tha seo airson an SNP, agus airson poileataigs na h-Alba anns an fharsaingeachd.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.