³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

A' cheist as motha...

Niall O’Gallagher | 2010-03-02, 19:33

'S i a' cheist as motha ann am poileataigs na h-Alba a-nochd carson a tha an duine a bha gu ruige an-diugh na cheannard air Comhairle Bhaile Ghlaschu air a dhreuchd fhàgail?

Aig coinneamh shònraichte na buidhne Làbaraich air a' chomhairle, chaidh fhoillseachadh an-diugh gum biodh Steven Purcell a' fàgail, agus trioblaidean ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð air.

Thèid leas-cheannard na comhairle, Jim Coleman, na àite gus an tèid ceannard ùr a thaghadh.

Tha Mgr Purcell - a tha 37 bliadhna dh'aois - air a bhith na dhreuchd fad còig bliadhna.

Bha cuid an dùil gun robh dreuchd mhòr anns a' phàrtaidh Làbarach - mar bhall-pàrlamaid no fiù 's mar cheannard na buidhne aig Holyrood - air fàire dha.

A-nochd, ge-tà, is coltach gun tug trioblaidean ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð air plana sam bith mar sin a chur don darna taobh.

Claoidhte

Thuirt an sgiopa lagha aig Mgr Purcell gun robh e 'claoidhte' air sgàth na h-obrach aige.

Thuirt iad gun robh e anns an ospadal a' faighinn cùram.

Bha Mgr Purcell fo uallach air sgàth na connspaid air Compàirteachas Còmhdhail Sràth Chluaidh agus a thaobh ullachadh airson Geamaichean a' Cho-fhlaitheis.

An-diugh chaidh a mholadh leis a' phrìomh mhinistear, Ailig Salmond, airson na rinn e gus na geamaichean a thoirt do Ghlaschu.

Tha Mgr Purcell air a' chompanaidh PR Media House fhastadh, a' toirt air feadhainn faighneachd a bheil barrachd anns an sgeulachd.

Cha bhiodh e na iongnadh nan robh barrachd againn ri innse madainn a-màireach.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.