³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Aiseagan agus seataichean

Trod inntinneach mu fharaidhean aiseig aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh - ged nach b' ann dìreach mu dheidhinn aiseagan a bha e.

Chaidh fhoillseacahdh an-diugh gun deidheadh faraidhean Chaledonian Mhic a' Bhruathainn suas 2%.

Thuirt ceannard nan Lib Deamach gun toireadh seo buaidh air Earra-Ghaidheal agus Bòid - sgìre Ministear an SNP Jim Mather.

Ach, thuirt Tavish Scott nach deidheadh sgillinn a thoirt far an airgid airson sgeama RET anns na h-Eileanan an Iar.

A-rèir Mhgr Scott, b' e brìob £7.5m airson sgìre Alasdair Allan a bha seo.

Cia mheud, dh'fhaighnich, e den àrdadachadh ann am faraidhean ann an Earra-Ghaidheal a bha ga chleachdadh gus pàigheadh airson RET anns an h-Eileanan an Iar?

±·Ã ¾±°ù±ð

Cha do chòrd sin ris a' phrìomh mhinistear idir.

Thuirt Ailig Salmond gur e àdhbhar nàire a bha ann do Thavish Scott a bhith a' bruidhinn mu sgeama RET mar sin.

Chum e a-mach gun deach fàilte a chur air an sgeama le daoine air feadh na dùthcha, agus e a' toirt taic do choimhearsneachdan iomallach.

Cha robh fios aig a' phrìomh mhinistear cia mheud duine anns na h-Eileanan an Iar a bha nam buill de phàrtaidh Thavish Scott.

Ach bha e cinnteach gun deidheadh an àireamh sin a lùghdachadh às dèidh na thuirt Mgr Scott mu RET.

Chan eil sùil nan Lib Deamach air na h-Eileanan an Iar ge-tà.

Draghail

Chaill an Lib Deamach George Lyon Earra-Ghàidheal agus Bòid do Jim Mather aig an taghadh Albannach mu dheireadh ann an 2007.

Agus bha iad air dheireadh air na Nàiseantaich anns an taghadh Eòrpach an-uiridh cuideachd.

Aig co-làbhairt Albannach a' phàrtaidh ann am Peairt air an deireadh sheachdain, thuirt na Lib Deamaich ris an do bhruidhinn mi fhìn nach robh iad draghail mun sgìre aig an taghadh choitcheann.

Bha misneachd aca nach biodh uidhir de dhaoine a' bhòtadh airson an SNP ann an taghadh do phàrlamaid Westminster.

Am beachd aon duine faisg air George Lyon - a tha a-nis na bhall den Phàrlamaid Eòrpaich - bha an SNP air gealltanasan a bhriseadh air aiseagan an Earra-Ghàidheal.

Carson, dh'fhaighnich e, am bu chòir do mhuinntir na sgìre misneachd a chur ann am ball-pàrlamaid nàiseantach?

Bhiodh atharrachadh de 10.5% a dhìth airson an seat a thoirt don SNP aig an taghadh choitcheann.

Ach, mura h-eil na Lib Deamaich draghail mu dheidhinn, carson a chaidh a' chùis a thogail le ceannard a' phàrtaidh aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir?

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.