Slighe air adhart airson deasbadan?
Tha ceannardan an SNP air a bhith glachte ann an coinneamhan leis a' BhBC agus STV mu dheasbadan telebhisein an taghaidh.
Sgrìobh mi roimhe gun robh na Nà iseantaich mì-thoilichte le plana nan craoladairean - am ³ÉÈË¿ìÊÖ, ITV agus SKY - deasbadan a chumail à s an aonais.
B' e plana nan craoladairean deasbadan a chumail eadar Gòrdon Brown, Dà ibhidh Camshron agus Nick Clegg, le deasbadan fa leth airson Alba, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath.
As dèidh coinneamh leotha an-diugh, tha am ³ÉÈË¿ìÊÖ ag rà dh gun toir iad sùil air molaidhean an SNP, an dà chuid mu na deasbadan mòra agus mun deasbad Albannach.
Thuirt comhairliche phoileataigeach a' BhBC, Ric Bailey, gun robh na coinneamhan feumail.
Tha e coimhead coltach gu bheil an dà thaobh a' lorg aonta agus gu faodadh slighe air adhart a bhith ann.
Molaidhean
Ach dè dìreach a tha annsÌýna molaidhean sin?
ThaÌýan SNPÌýa' moladh deasbadÌýa bharrachdÌýfar am biodh Mgr Salmond agus ceannard Phlaid CymruÌýIeuan Wyn JonesÌýa' deasbad leÌýMgr Brown, Mgr Camshron agus Mgr Clegg.
Bhiodh aca ri deasbad a chumail air cùisean Albannach agus Cuimreach.
Sin an à ite na bha na craoladairean a' moladh, far am biodh Mgr Salmond aig a' bhòrd le ceannardan Albannach nam pà rtaidhean eile.
Thuirt Mgr Salmond gun robh e a' feitheamh airson freagairt bhon BhBC.
Chì sinn a dh'aithgheà rr an e slighe air adhart a tha seo.
Ìý
BeachdanFÃ g beachd
Is there an English translation for any of this?
Is there an English translation to this page?