Factaran a' toirt buaidh air reat-breith agus reat-bàis
Àireamh-sluaigh a' fàs
Bha àireamh-sluaigh an t-saoghail an ìre mhath ìosal agus stèidheil gu na 1950an agus an uair sin thàinig àrdachadh mòr. Bhon uair sin, tha an àireamh-sluaigh air a bhith a' dol suas gu luath. Ann an 2011 chaidh an àireamh seachad air 7 billean. Tha a' chuid as motha dhen àrdachadh san àireamh-sluaigh a-rithist ann an dùthchannan fo leasachadh.
'S e na prìomh adhbharan airson an àrdachaidh seo gun deach an reat-bàis air feadh an t-saoghail sìos agus gun do dh'fhuirich an reat-breith glè àrd. Bha sin a' ciallachadh gun robh barrachd dhaoine gam breith na bha a' bàsachadh, agus mar sin dh'fhàs an àireamh-sluaigh. Canar àrdachadh nàdarra ris an diofar eadar reat-breith agus reat-bàis.
Ann an dùthchannan leasaichte lethid na Rìoghachd Aonaichte (RA), tha an dà chuid an reat-breith agus an reat-bàis ìosal.
Tha an reat-breith ìosal oir:
- tha inbhe nas fheàrr aig boireannaich
- tha casg-gin agus comhairle air planadh teaghlaich nas fhasa fhaotainn
- tha barrachd chothroman cosnaidh is obrach ann do bhoireannaich
- tha a' chosgais airson teaghlach a thogail air a dhol suas
- tha barrachd dhaoine a' dol an sàs ann an dàimhean aig aois nas sine, agus chan eil uiread de chothrom ann teaghlaichean mòra a bhith aca
Tha an reat-bàis ìosal air sgàth:
- adhartas ann an leigheas
- banachdachdan an aghaidh ghalaran, me a' ghriùthrach
- piseach air uisge agus slàintealachd
- dòighean nas fheàrr air biadh a dhèanamh agus a ghleidheadh
- còmhdhail nas fheàrr airson biadh
- reat-bàis nas ìsle am measg leanaban
Mar sin tha an àireamh-sluaigh ann an dùthchannan leasaichte an ìre mhath stèidheil agus chan eil e a' dol suas no sìos mòran.
Ann an dùthchannan fo leasachadh, mar na h-Innseachan, tha an reat-bàis air a dhol sìos ach tha an reit-breith fhathast àrd.
Tha reatan-breith àrd oir:
- tha feum air clann airson obair a dhèanamh agus airson airgead a chosnadh dhan teaghlach
- tha feum air clann airson gun coimhead iad às dèidh am pàrantan nuair a bhios iad sean oir tha dìth pheinnseanan ann
- tha dìth ghoireasan is eòlas ann air casg-gin agus planadh teaghlaich
- tha reat-bàis àrd am measg leanaban, agus mar sin tha barrachd chloinne aig daoine oir tha iad an dòchas gum bi cuid dhiubh beò gus inbheachd a ruighinn
- tha cuid de chreideamhan a' moladh theaghlaichean mòra
- ann an cuid de dhùthchannan fo leasachadh, faodaidh clann a bhith nan comharra air fearalachd
Tha reatan-bàis gu math àrd oir:
- tha biadh gann air sgàth gòrt
- tha droch dhaithead ag adhbharachadh dìth-beathachaidh
- tha slàintealachd truagh agus chan eil uisge glan ann
- tha mòr-thubaistean nàdarra a' sgrios bàrr
- tha galaran pailt, me mailèiria
- Chan eil dotairean, cungaidhean-leigheis no cùram pailt
- tha cogadh ann
Seach gu bheil reatan-breith nas àirde na reatan-bàis, tha an àireamh-sluaigh a' fàs gu luath ann an dùthchannan fo leasachadh.