Buaidh feartan fiosaigeach agus daonna air sgaoileadh-sluaigh
Adhbharan fiosaigeach
Ҳàٳ-ì
- 'S fheàrr le daoine a bhith a' fuireach ann an àite le gnàth-shìde mheasarra far a bheil sileadh gu leòr, ach gun teòthachd ro theth no ro fhuar.
- Bidh dìth uisge ùr airson òl no airson uisgeachadh a' cur bacadh air daoine bho bhith a' fuireach ann an sgìre.
- Far a bheil teòthachd uabhasach àrd, tha tuathanachas doirbh. Tha call uisge sa bhodhaig agus stròc teas cuideachd nan duilgheadas.
- Ann an sgìrean far a bheil taiseachd mhòr, chan eil e cofhurtail a bhith a' fuireach annta agus faodaidh galaran mar mailèiria a bhith annta.
- Far a bheil teòthachd a tha uabhasach fuar, tha e doirbh bàrr fhàs no taighean agus ceanglaichean còmhdhail a thogail, oir faodaidh an talamh a bhith reòta airson a' mhòr-chuid dhen bhliadhna.
- Tha grèim-reothaidh ga dhèanamh doirbh a bhith ag obair a-muigh ro fhada, agus bu chòir aodach-dìon a bhith air daoine.
ì-ܳ
- Bidh leòidean casa ga dhèanamh doirbh innealan a chleachdadh.
- Bidh leòidean casa cuideachd ga dhèanamh doirbh taighean, rathaidean agus rèile a thogail.
- Tha sgìrean àrd sna beanntan ro fhuar agus tha e doirbh bàrr fhàs.
- Tha sgìrean àrd sna beanntan glè thric iomallach agus tha e doirbh faighinn thuca.
- Tha an ùir nas doimhne ann an sgìrean còmhnard, ìosal agus tha e nas fhasa bàrr fhàs annta.
Stòrasan nàdarra
- Ann an sgìrean far nach eil mòran stòrasan nàdarra, me gual, cha bhi mòran gnìomhachais ann agus mar sin cha bhi mòran chothroman cosnaidh ann.
- Tha seallaidhean nan stòras agus faodaidh sin luchd-turais a thàladh, agus thig cothroman cosnaidh nan cois.
Ù
- Ann an sgìrean le ùir thorrach, me aig beul-aibhne, gabhaidh bàrr fhàs airson biadh dhan t-sluagh.
- Far a bheil ùir bhochd le glè bheag de mhathachadh, cha bhi mòran àiteachais ann.