Comharran leasachaidh sòisealta agus eaconamach
Leasachadh
Tha leasachadh a' ciallachadh gu bheil inbhe beòshlaint dhaoine ann an dùthaich a' fàs nas fheàrr. Faodaidh sin a bhith a' gabhail a-steach chùisean eaconamach mar beairteas agus cùisean sòisealta mar litearrachd. Airson leasachadh dùthcha obrachadh a-mach, faodar taisbeanairean sòisealta agus eaconamach a chleachdadh. Leigidh sin dhut obrachadh a-mach co-dhiù a bheil dùthaich leasaichte no fo leasachadh agus na coltasan agus na diofaran a tha eatarra a chomharrachadh.
Taisbeanairean eaconamach air leasachadh
Tha iad seo a' tomhas mach-chur eaconamach, no beairteas dùthcha. Tha iad a' gabhail a-steach Mòr-thoradh Nàiseanta (GNP: Gross National Product) gach neach, agus 's e sin luach a' bhathair air a dhèanamh ann an dùthaich air a roinn leis an àireamh-sluaigh gu lèir gus teachd-a-steach chuibheasach a thoirt airson gach neach.
Duilgheadasan le bhith a' coimhead air aon taisbeanair a-mhàin mar GNP:
- 's e figear cuibheasach a tha seo, agus faodaidh fiaradh tighinn ann gu furasta air sgàth beagan theaghlaichean a tha uabhasach beairteach, agus dh'fhaodadh sin bochdainn uabhasach sa mhòr-shluagh fhalach
- chan eil e a' gabhail a-steach cosgais bathair a tha a' toirt buaidh air nas urrainn do dhaoine a cheannach leis an tuarastal aca
- chan eil dè cho beairteach 's a tha dùthaich idir a' gabhail a-steach mar a tha an t-airgead air a chleachdadh oir chan eil e a' sealltainn dàta air dè cho math 's a tha daoine air an oideachadh no dè cho math 's a tha an daithead aca
- chan eil iad a' gabhail a-steach nan diofaran eadar sgìrean bailteil agus dùthchail, me ann am Brasil eadar sgìrean bochda favela agus sgirean nas beairtiche taobh a-staigh nam bailtean