˿

SluaghBuaidh feartan daonna air sgaoileadh-sluaigh

Bidh taisbeanairean sòisealta agus eaconamach air leasachadh a’ toirt buaidh air àireamh-sluaigh a’ fàs fhad ’s a tha feartan fiosaigeach agus daonna a’ toirt buaidh air sgaoileadh-sluaigh.

Part of ܾԲ-òÀrainneachdan daonna

Buaidh feartan fiosaigeach agus daonna air sgaoileadh-sluaigh

Factaran daonna

Cothroman cosnaidh

  • Bidh obraichean, me ann an gnìomhachasan dèanaimh agus ann an seirbheisean a' brosnachadh dhaoine gu gluasad airson obair fhaighinn.
  • Faodaidh turasachd cuideachd daoine a thàladh a sgìre agus bidh sin a' toirt obair do mhuinntir an àite.

ò󲹾

  • Bidh sgìrean le deagh cheanglaichean còmhdhail, mar rathaidean agus rèile, a' tàladh dhaoine agus gnìomhachas a bhios a' toirt chothroman cosnaidh do dhaoine.
  • Cha bhi sgìrean iomallach, gun deagh cheanglaichean còmhdhail, a' tàladh dhaoine.

Pàtrain àireamh-sluaigh

A rèir nan Dùthchannan Aonaichte ann an 2008, bhathar a' meas gun robh, airson a' chiad uair, barrachd dhaoine a' fuireach ann am bailtean na bha ann an sgìrean air an dùthaich. Thathar an dùil gun tèid sin suas gu 53% ann an 2015 agus gu 60% ann an 2030, nuair a bhios an àireamh sa cheud de dhaoine a' fuireach ann am bailtean ann an dùthchannan fo leasachadh còrr is 50%. San fharsaingeachd, tha daoine air feadh an t-saoghail a' gluasad bho na sgìrean dùthchail gu sgìrean bailteil agus tha na mòr-bhailtean a' sìor fhàs.

Tha barrachd dhaoine fhathast a' fuireach ann an sgìrean dùthchail ann an dùthchannan fo leasachadh oir tha àireamh mhòr de dhaoine ag obair ann am bun-ghnìomhachasan mar tuathanachas. Ann an dùthchannan leasaichte, tha barrachd ag obair ann an gnìomhachasan sheirbheisean, me ann an oifisean agus a' toirt seachad sheirbheisean ann an sgìrean bailteil.

More guides on this topic