˿

SluaghBuaidh feartan daonna air sgaoileadh-sluaigh

Bidh taisbeanairean sòisealta agus eaconamach air leasachadh a’ toirt buaidh air àireamh-sluaigh a’ fàs fhad ’s a tha feartan fiosaigeach agus daonna a’ toirt buaidh air sgaoileadh-sluaigh.

Part of ܾԲ-òÀrainneachdan daonna

Buaidh feartan fiosaigeach agus daonna air sgaoileadh-sluaigh

Sgaoileadh beairteas cruinneil
Figure caption,
Sgaoileadh-sluaigh na Cruinne

'S e sgaoileadh-sluaigh mar a tha daoine sgapte air feadh an t-saoghail, sin far a bheil daoine a' fuireach.

'S e dùmhlachd-sluaigh an àireamh dhaoine a tha a' fuireach ann an sgìre shònraichte – mar as trice 1 chilemeatair ceàrnagach – agus faodar a sgrìobhadh mar àireamh-sluaigh iomlan/farsaingeachd sgìre.

Tha àireamh-sluaigh an t-saoghail a-nis aig còrr is 7 billean neach, agus tha a' mhòr-chuid dhiubh a' fuireach ann an dùthaich fo leasachadh. Chan eil àireamh-sluaigh an t-saoghail air a sgaoileadh gu cothromach oir tha àireamh mhòr de dhaoine a' fuireach san aon sgìre. Tha barrachd sgìrean 'falamh' air an t-saoghal na th' ann de sgìrean 'dùmhail'. Tha iomadh adhbhar fiosaigeach agus daonna ann airson seo.

More guides on this topic