³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2011-04

Deasbad an taghaidh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-04-28, 16:04

Beachdan (0)

Ìý

Deasbad an Taghaidh

Ìý

Am faca sibh Deasbad an Taghaidh air ³ÉÈË¿ìÊÖ Alba a-raoir?

Mura faca, chaidh a chraoladh air Radio nan Gàidheal an-diugh - gabhaidh èisteachd ris a-rithist an seo.

Nam b' fheàrr leibh Iain MacIllEathain fhaicinn a' ceasnachadh riochdairean na ceithir pàrtaidhean as motha, bidh e air ³ÉÈË¿ìÊÖ Alba a-rithist a-nochd aig 2200.

Airson an SNP bha Alasdair Allan, bha Dòmhnall Crichton ann airson nan Làbarach, Pàdraig Moireasdan airson nan Lib Deamach agus Bill Innes a' bruidhinnÌýbho thaobh nan Tòraidhean.

A-measg na cuspairean a chaidh a thogail bha a' chìs chomhairle, prìs na dibhe, RET, neo-eismileachd agus tòrr eile.

Chaidh na ceistean a thogail leis an luchd-bhòtaidh a bha an làthair aig stiùidiothan a' BhBC ann an Glaschu. Ach cò fhuair làmh-an-uachdair? Fàgaibh ur beachd an seo, mar as àbhaist.

An cunntas as cudromaiche

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-04-26, 16:10

Beachdan (0)

Dè a bu chòir dhuinn dèanamh dhe na cunntasan-bheachd as ùir a tha a' sealltainn beàrn mhòr a' fosgladh eadar an SNP agus na Làbaraich?

Cha bu chòir càil, a-rèir pàrtaidh Iain Gray.

Tha iadsan ag ràdh gur e an cunntasÌýas cudromaiche am fear air là an taghaidh fhèin.

Agus - gu ìre - tha iad ceart.

Chan eil duine air an taghadh seo a bhuannachadh fhathast.

Ach bheir cunntasan mar seo a' bhuaidh aca fhèin air taghaidhean. An turas-sa, tha iad air buaidh a thoirt air an iomairt mar-thà.

Dà bhòt

Tha na Làbàraich a' dol as àidhcheadh gun tug iad orra an iomairt aca fhèin atharrachadh an t-seachdainn-sa agusÌýiad a' gluasad na h-ionnsaigh aca bho na Tòraidhean chun an SNP.

Tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil iad a' sabaid gu cruaidh ann an grunn sgìrean targaid far a bheil na Làbaraich agus an SNP faisg.

'S e an fhìrinnÌýnach eil na cunntasan-bheachd ag innse dhuinn tòrr mu na thachras anns na sgìrean sin, far a bheil na iomairtean a' ruith bho thaigh gu taigh.

Agus,Ìýgheibh na Làbaraich barrachd sheataichean bhon chiad bhòt na bhon liosta, a' fàgail gun cur iad cuideam nas motha air na sgìrean.

Aig a' cheart àm, tha bhòt gu math fallain a dhìth air an SNPÌýbhon liosta, far am faigh iadsan nas motha de sheataichean, agus an luchd-taic aca nas sgapte tron dùthaich.

Ach a dh'aindeoin seo uile, tha dragh air na Làbarach mu mheud na beàrn eadar an dà phàrtaidh agus dìreach seachdainn air fhàgail airson a dùnadh.

¶Ùò³¦³ó²¹²õ

Tha iadÌýan dòchas a-nis gun tèid taic ùr nan nàiseantach a phutadh air falbh bhuapa leis an rabhadh aca mu neo-eisimileachd.

'S e an tuairmse a tha aca gu bheil tòrr dhen taic ùir seo a' tighinnÌý bho dhaoine a tha an aghaidh neo-eisimileachd - coltach ris an Sun, a chuir taic ris an SNP an t-seachdainn a chaidh.

Le cuid dhe na cunntasan-bheachd a' sealltainn gu faodadh mòrchuid a bhith anns a' phàrlamaid ùir airson referendum (eadar an SNP agus na h-Uainich), tha na Làbaraich ag argamaid gu bheil e ro chunnartach bhòtadh airson Ailig Salmond.

Tha an SNP a' freagairt, ag ràdh gu bheil mòrchuid de dhaoine an Alba airson referendum, as bith dè a' bheachd a tha aca air neo-eisimileachd fhèin.

Chan fhada o bha cuid anns a' phàrtaidh Làbarach a' smaointinn gum biodh iad a' buannachadh aig an taghadh seo gun oidhirp sam bith.

Chan ann mar sin a thaÌýcùisean a' coimhead an-dràsta. Biodh dùil agaibh ri oidhirp mhòr bho gach taobh anns an t-seachdainn mu dheireadh.

Salmond an aghaidh Gray

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-04-21, 15:30

Beachdan (0)

An-dè agus a' bhòn-dè, chaidh na h-agallamhan le Iain Gray agus Ailig Salmond a chraoladh air Newsnight Scotland.

Bha ceannard nan Làbarach air a' phrògram Dimàirt agus ceannard an SNP air a' phrògram a-raoir.

'S iad an dithis as coltaiche grèim fhaighinn air na h-iuchraichean do Thaigh a' Bhòid.

Tha ceannardan nam pàrtaidhean eile a' dol às àidhcheadh gu bheil an taghadh seo na roghainn eadar Mgr Salmond agus Mgr Gray.

Am beachd ceannard nan Tòraidhean, Annabel Goldie, chan e roghainn a tha sin idir, ach 'dilemma'.

Ach thaÌýdùil aice, agus aig ceannard nan Lib Deamach, Tavish Scott, gum bi aca ri dèiligeadh ri gin dhe na fireannaich seo as dèidh a' Chèitein.

Gearan

BidhÌýfeadhainn a' gearan guÌýbheil aire nam meadhanan daonnan air an luchd-poileataigs fhèin seach na polasaidhean a tha iad a' cur adhart.

Do chuid, 's e seo as coireach airson daoine a phutadh air falbh bho phoileataigs.

'S dòcha gur e an fhìrinn a tha aca.

Ach, aig taghadh seo, tha cuid dhe na pàrtaidhean cho faisg air a chèile - air a' chìs chomhairle, mar eisimpleir, no air ionmhas nan oilthighean - gu bheil e doirbh taghadh eatorra, a' cur barrachd cuideim air naÌýceannardan.

Agus,Ìýchan eilÌýna pàrtaidhean glè dheònach bruidhinn mu cuid dhe na rudan as cudromaiche - leithid nan gearraidhean a thig as dèidh an taghaidh - air eagal 's gun tèid am peanasachadh aig na bogsaichean-bhaileit.

Mar sin, èistibh riutha is dèan ur roghainn.

A' ghrian a' deàrrsadh?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-04-19, 7:04

Beachdan (0)


The Sun

Ìý

Dè an diofar a nì beachd nam pàipearan-naidheachd?

Ann an 2007, bha an SNP a' dol as àicheadh gunÌýrobhÌý brìgh sam bith anns na thuirt iad, agus tòrr dhiubh gu tur nan aghaidh.

An uair sin, chuir An Sun crampag air prìomh dhuilleag a' phàipear air là an taghaidh, an cumadh logo an SNP mar rabhadh air na thachradh do dh'Alba ma bhuannaicheadh na nàiseantaich an taghadh.

Ach an-diugh, chuir am pàipear taic ris an SNP agus ri Ailig Salmond mar phrìomh mhinistear.

Canaidh na Làbaraich, tha mi cinnteach, gu bheil seo a' sealltainn gu bheil an SNP ro fhaisg air na Tòraidhean, a fhuair taic a' phàipeir mu dheas ron taghadh an uiridh.

Don SNP, ge-tà, tha gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacaich a nì aithreachas.

Post sgudail?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-04-18, 15:22

Beachdan (0)


Bileagan taghaidh

Ìý

Seo na bileagan a thàinig tron doras agam air an deireadh-sheachdainn:

Am bi sibh fhèin a' leughadh stuth mar seo, neo ga chur anns a' bhiona?

Ged a tha dòighean conaltraidh ùra air tighinn gu bàrr o chionn goirid, tha na pàrtaidhean poileataigeach fhathast a' cur cuideam mòr air an t-sanasachd sheann-fhasanta seo.

Anns an sgìre far a bheil mi-fhìn a' fuireachd 's iad na Làbaraich agus an SNP a tha a' strì gus làmh an uachdair fhaighinn.

Leis gur e sgìre targaid a tha innte, tha an stuth acasan air a bhith a' tighinn tron doras fad greis mhòir mar-thà.

Ach a-nis tha mi air bileag fhaighinn bho na prìomh phàrtaidhean uile.

Targaid

Ged a tha na bileagan fhèin a' coimhead car seann fhasanta ann an saoghal TwitterÌýagus Facebook, tha cuid dhe na pàrtaidhean gan cleachdadh ann an dòigh gu math ùr.

Tha iad a' targaid luchd-bhòtaidh aig ìre glè ionadail.

Nuair a thig iad don doras, mar as trice bi dà cheist aca: cò dha a bhòtas tu, agus dè na rudan as motha a tha cudromach dhut.

('S e iongnadh a bhitheas orra nuair a nochdas iad aig an doras agam agus their mi nach urrainn dhomh freagairt agus mi nam fhear-naidheachd, ach am fuiricheadh iad dà dhiog gus am faigh mi an leabhar-nòta agam.)

Cleachdaidh iad am fiosrachadh seo gus faighinn a-mach cò na daoine a chuireas taic riutha agus dèanamh cinnteach gun tig iad a-mach air an là.

Agus, airson dhaoine nach eil cinnteach, dè an dòigh as fheàrr airson an taic fhaighinn.

Ionadail

Ann an oifis ionadail gin dhe na pàrtaidhean sheall duine bileag dhomh a bha iad a' cur mun cuairt nan taighean faisg orm fhìn.

'S eÌýbileag shònraichte don roinn-chomhairle a bha seo, a' targaid luchd-bhòtaidh aig ìre air leth ionadail.

A-rèir coltais, bha iad air tighinn air ais bho bhruidhinn ri luchd-bhòtaidh anns an sgìre agus chuir iad a' bhileag ri chèile stèidhichte air na draghan a chuala iad aig na dorsan.

Chaidh a clo-bhualadh agus a cur a-mach anns an sgìre an ath là.

Sin fianais - nan robh i a dhìth - gu bheil an iomairt seo a' tachairt aig ìre ionadail agus gum b' urrainn do chùisean ionadail diofar mòr a dhèanamh air toradh an taghaidh.

Agus, gur dòcha gum bu chòir dhuinn sùil a thoirt air bileagan an taghaidh mus cuir sinn iad anns a' bhiona.

Goldie ga ceasnachadh

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-04-15, 13:48

Beachdan (1)

Am faca sibh an t-agallamh a rinn Annabel Goldie le Newsnight Scotland?

A-rithist, 's e ceasnachadh cruaidh a fhuair ceannard nan Tòraidhean bho Ghòrdon Brewer.

ThòisichÌýe leis an naidheachd a bha agam fhìn air an oidhche ud, gun robh an SNP a' coimhead air reòthadh 5 bliadhna air a' chìs chomhairle.

An cuireadh na Tòraidhean taicÌýris? Thuirt Annabel Goldie nach robh ise cinnteach gun gabhadh pàigheadh air a shon.

Tha na Tòraidhean airson ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô a ghearradh ach tha iad a' feuchainn ri cliù a thogail aig an taghadh seo mar phàrtaidh a tha onorach leis an luchd-bhòtaidh, an fheadhainn nach geall rudan nach gabh a choilionadh. An turas-sa bha an dàrna rud nas cudromaiche.

Dè ur beachdan fhèin, ge-tà?

RET agus eile anns na h-Eileanan Siar

Cha robh fios againn aig àm An Là a-raoir gun robh naidheachd a' tighinn bhon SNP air RET.

Ach rinn am pìos aig Dòmhnall MacSuain soilleir gun robh an sgeama na chuspair mhòrÌýaigÌýanÌýtaghadh anns na h-Eileanan Siar.

B' ann gu math anmoch a-raoir a fhuair mi fios gum biodh rudeigin mun sgeama ann am manifesto an SNP, a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Agus beagan as dèidh 0800 air Aithris na Maidne, dhearbh Alasdair Allan na bha sinn air aithris mar-thà, gunÌýtèid an sgeama a leudachadh ma bhuannaich an SNP an taghadh.

Tha sin gan cur air an aon ràbh ris na Làbaraich, a chuir gealltanas air a' chùis anns a' mhanifesto acasan.

A-nis, tha an dà phàrtaidh as coltaiche na h-Eileanan SiarÌý - agus an taghadh air fad - a bhuannachadh ag ràdh gum mair RET as dèidh an taghaidh.

Dubh is geal

Thàinig an clò dubh is geal bhon SNP aig 1100 nuair a dh'fhoillsich iad am manifesto acasan an Glaschu.

Thuirt iad gun leanadh iad le RET air na slighean far an robh e mar-thà, agus gun toireadh iad sùil air leudachadh an sgeama gu eileanan Earra-Ghàidheal agus Chluaidh.

Mar a mhìnichÌý, chan e seo an aon chuspair a tha cudromach aig an taghagh anns na h-Eileanan Siar.

Coltach ri gach sgìre eile, 's iad an eaconomaidh, cosnaidhean agus uallach air seirbhisean poblach na rudan as motha a tha air aire dhaoine.

Ach ann an sgìre iomallach mar seo, le sluagh sgapte, tha uallach sònraichte air an eaconomaidh agus thaÌýe nas duilghe na seirbhisean sin a thoirt seachad.

Tha muinntir nan Eilean Siar ag iarraidh dhòighean gus dèiligeadh ris na trioblaidean sin.

Faisg

Tha an sgìre pàrlamaid seo air a bhith a' dol eadar na Làbaraich agus an SNP o chionn bhliadhnaichean.

Aig an taghadh seo, tha an Làbarach, Dòmhnall Crichton, a' feuchainn ris an sgìreÌýfaighinn air ais bho na nàiseantaich.

Air pàipear, chan eil a' mhòrchuid aig Alasdair Allan an seo - agus e 5% air thoiseach air na Làbaraich - a' coimhead cho beag ris na tha ann an sgìrean eile.

Ach leis gu bheil àireamh an t-sluaigh nas lugha nan àbhaist, chan e sin deireadh na sgeòil.

Chan eil ach 687 bhòt eadar an SNP agus na Làbaraich an seo.

Dh'fhaodadh gach tè dhiubh a bhith cudromach, anns na h-Eileanan fhèin, agus air feadh na dùthcha.

Leudachadh air reòthadh na cìse comhairle?

Cumaibh do shùilean fosgailte airson naidheachd mun chìs chomhairle bhon SNP an-diugh.

Gu ruige seo, tha am pàrtaidh air a bhith gealltainn gun deidheadh a' chìs chomhairle a reòthadh fad dà bhliadhna eile ma bhuannaich na nàiseantaich an taghadh.

Ach chuala mise gur dòcha gum foillsich iad reòthadh nas fhaide air a' chìs agus an SNP a' cur a' mhanifesto aca air bog ann an Glaschu an-diugh.

Chan eil e soilleir am maireadh e gu deireadh na h-ath phàrlamaid - sin gu 2016 - ach tha e coltach gu faodadh dol na b' fhaide na dà bhliadha.

Chuireadh sin uallach as ùir air na làbaraich, a ghabh ri polasaidh an SNP air reòthadh da bhliadhna o chionn goirid.

Bidh fios againn le cinnt as dèidh 11m.

Gealltanas ùr air RET

Tha mi a' tuigsinn gum bi gealltanas ùr bhon SNP an-diugh air sgeama nam faraidhean-aiseig RET.

Thig an naidheachd agus am pàrtaidh a' foillseachadh a' mhanifesto aca ann an Glaschu an-diugh fhathast.

Anns an Lùnastal, thuirt an SNP gun deidheadh an sgeama a chumail a' dol fad bliadhna eile, gu 2012.

Aig an àm, dh'fhaighnich mi dè thachradh as dèidh sin, nuair a bhiodh an taghadh Albannach seachad.

A-nis tha mi a' tuigsinn gun geall iad leudachadh eile don sgeama ma bhuannaich iad an taghadh.

Bithibh ag èisteachd ri Aithris na Maidne bho 0730.

Eil an iomairt seo a' còrdadh riut?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-04-13, 17:39

Beachdan (0)

Sin a' chiad cheist a chaidh a chur air Tavish Scott a-raoir anns an agallamh aige le Gòrdon Brewer air Newsnight Scotland.

B' e an fhreagairt a b' fheàrr a chaidh aig Mgr Scott air toirt seachad gun robh i 'ceart gu leòr', agus sin dìreach aig amannan.

'S iad na h-amannan nuair a fhuair e cothrom bruidhinn mu na cuspairean a thogair e fhèin.

Cha d' fhuair Mgr Scott an cothrom sin ach turas no dhà anns an agallamh seo a bha gu math frionasach.

Ach sheall e cho doirbh agus a tha e do na Lib Deamaich aire a thoirt air falbh bho dhol a-mach an càirdean aig Westminster do na polasaidhean a tha aca airson Alba.

Dè ur beachdan fhèin ge-tà?

Bàtaichean agus bhòtaichean an Earra-Ghàidheal

Chaidh an darna aithris shònraichte bho sgìrean targaid an taghadh a-mach air An Là a-raoir.

An turas-sa bha Andreas Wolff ag aithris à Earra-Ghàidheal agus Bòd.

'S e sgìre mhòr, fharsaing a tha seo, leis na diofar phàrtaidhean a' faighinn taic ann an diofar sgìrean.

Ach 's e an sabaid as motha an seo eadar na Lib Deamaich agus an SNP.

Choisinn Jim Mather an sgìre seo do na nàiseantaich bho Sheòras Lyon air ais ann an 2007.

Cha do chòrd sin ris na Lib Deamaich idir - agus tha iad gu mòr airson a faighinn air ais.

Cuspairean

B' e am blog seo a dh'fhoillsich an naidheachd gur e Ministear an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, a sheasadh don SNP aig an taghadh seo, agus Mgr Mather a' leigeil dheth a dhreuchd.

Tha Mgr Ruiseal an dòchas gum faigh e buannachd bho fhearg mun cho-bhanntachd eadar na Lib Deamaich agus na Tòraidhean aig Westminster.

Ach, mar a mhìnich Andreas Wolff anns phìos aigesan, , bidh cùisean ionadail air leth cudromach a-rithist.

Nam measg, tha dà chuspair a tha sinn air bruidhinn mun deidhinn gu tric anns a' bhliadhna a dh'fhalbh.

'S iad ²úà³Ù²¹¾±³¦³ó±ð²¹²Ô-²¹¾±²õ±ð¾±²µ, agus sgoiltean dùthchail

Agus b' urrainn dhaibh buaidh mhòr a thoirt air toradh an taghaidh an seo.

Sluagh-ghairm

Bha connspaid an seo nuair nach deach sgeama RET a leudachadh air feadh Earra-Ghàidheal (chan eilÌýe a ruith ach ann an Colla agus Tiriodh), agus na Lib Deamaich a' càineadh an SNP airson 'brìb' a thoirt do luchd-bhòtaidh nan Eilean Siar.

Agus tha dragh fhathast mu na tha air fàire don t-seirbhis aiseig eadar Dùn Omhainn agus Gourock - cha tig co-dhùnadh air seo gus am bi an taghadh seachad.

Ann an 2007 b' e sluagh-ghairm nan nàiseantach an Earra-Ghàidheal 'barrachd bhòtaicheanÌýairson barrachd bhàtaichean'.

Tha na Lib Deamaich, agus anÌýtagraiche aca AlisonÌýHay,Ìýan dòchas nach bi luchd-bhòtaidh na sgìre riaraichte le leasachadh sheirbhisean fon SNP.

Ach dh'fhaoidte gum faigh iadÌýfhèin a' choire airson dùnadh sgoiltean na sgìre, as dèidh do bhuidheann an SNP tarraing a-mach bhon chomhairle.

Mar as trice, 's e Earra-Ghàidheal tè dhe na sgìrean mu dheireadh gus toradh fhoillseachadh aig àm an taghaidh. An turas-sa, dh'fhaoidte gum bi againn ri feitheamh airson toradh Earra-Ghàidheal mus ionnsaich sinn toradh an taghaidh air fad.

A' bhòt air neo-eisimeileachd

Aig a' cheann-thall, thàinig referendum air neo-eisimeileachd.

Bhòt 89.7% de dhaoine airson stàit neo-eisimileachd a stèidheachadh.

Ach chan ann mu dheidhinn Alba a tha mi a' bruidhinn, ach mu Chatalunya.

Didòmhnaich chaidh 'consulta' a chumail ann am Barcelona gus beachd an t-sluaigh fhaighinn air a' chùis.

Chan e referendum oifigeal a bha seo. Cha robh anÌýcòrr de na sgìrean Catalanach an sàs ann. Agus fiù 's ann am Barcelona, cha do bhòt ach 21.4% den t-sluagh - a' chuid, 's dòcha, a bu choltaiche taicÌýa chur ri neo-eisimeileachd co-dhiù.

Tha an argamaid mu thoradh na bhòt seo a' leantainn.

Deasbad

Ach tha e ag innse dhuinn gu bheil neo-eisimeileachd na cuspair chudromach ann am poileataigs Chatalunya fhathast.

Chaidh riaghaltas nàiseantach a' phàrtaidh CiU a thaghadh do phàrlamaid fhèin-riaghalaidh na dùthcha anns an t-Samhain.

Ceithir bliadhna o chaidh riaghaltas nàiseantach an SNP a thaghadh an Alba, cha do thachair bhòt fhathast.

Tha an SNP ag ràdh gun cuir iad bile gus referendum a chumail fa chomair na pàrlamaid ma bhuannaich iad an taghadh seo.

'S e ceist eile dè cho mòr agus a bhitheas neo-eisimeileachd mar chuspair aig an taghadh seo.

Agus, am bu chòir barrachd deasbad a bhith againn air a' chùis mus tèid sinn do na bogsaichean-baileit. Thèid fàilte a chur air na beachdan agaibhse, mar as àbhaist.

Slat-thomhais an Eilein Sgitheanaich

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-04-12, 9:35

Beachdan (0)

Air An Là a-raoir chaidh a' chiad aithris shònraichte againn a chraoladh bho sgìrean targaid an taghaidh Albannaich.

An turas-sa, bha Iain MacDiarmaid ag aithris bhon Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach.

Aig an taghadh seo, tha crìochan nan sgìrean air atharrachadh bho na chaidh a chleachdadh aig na taghaidhean Albannach ann an 1999, 2003 agus 2007.

Mar sin, gus comas a dhèanamh eadar an taghadh seo agus am fear mu dheireadh, tha againn ri bhòt 2007 a chunntadh a-rithist a-rèir nan crìochan ùra.

Ma nì sinn sin, chì sinn gu bheil na Lib Deamaich anns a' chiad àite, agus iad a' dìon mòrchuid de 2,784 anns an sgìre.

'S i a' cheist dè cho sàbhailte agus a tha a' mhòrchuid sin.

Cugallach

ThaÌýi a' coimhead beagan nas cugallaiche, 's dòcha, as dèidh mar a chuir seann bhall-pàrlamaid Albannach na sgìre a thaic-san ri Ailig Salmond mar phrìomh mhinistear.

'S eÌýIain Fearchar Rothach a riochdaich an t-Eilean Sgitheanach o chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh ann an 1999.

Tha Mgr Rothach a' leigeal dheth a dhreuchd aig an taghadh seo - gur math a thèid leis.

Ach tha e a' fàgailÌýna pàrlamaid aig àm gu math duilich don phàrtaidh aige.

'S e riaghailt phoileataigeach Bhreatainn gur e rudÌýduilich a tha ann cuidhteas a dhèanamh air Lib Deamach a tha stèidhichte ann an sgìre ionadail.

Tha an SNPÌý - agus an tagraiche acasan Dàibhidh MacThòmais - an dòchas gun toir fàgail Mhgr Rothaich cothrom dhaibh an sgìre a ghabhail bhuapa.

Ionadail

Mar a mhìnich Iain MacDiarmaid air An Là agus air an-dè,Ìýbheir cùisean ionadail buaidh mhòr air thoradh an taghaidh anns an sgìre seo.

Ach bidh sùileanÌýair cuideachd mar shlat-thomhais an taghaidh aig ìre nàiseanta.

Mas fìorÌýna cunntasan bheachd, 's e taghadh duilich a tha air fàire do na Lib Deamaich agus feadhainn an Alba feargach munÌýcàirdeas aca ris na Tòraidhean aig Westminster.

'S e tè dhe na ceistean as motha aig an taghadh seo an tuit bhòt nan Lib Deamach, agus ma thuiteas, càite an tèid i.

'S i a' cheist a tha agamsa, ge-tà, dè thachras don phàrtaidh air Ghàidhealtachd, àite a thagh Libearalaich fad na linntean.

Bidh toradh anns an Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach na phàirt mhòir den fhreagairt don cheist sin.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.