³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

An cunntas as cudromaiche

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-04-26, 16:10

Dè a bu chòir dhuinn dèanamh dhe na cunntasan-bheachd as ùir a tha a' sealltainn beàrn mhòr a' fosgladh eadar an SNP agus na Làbaraich?

Cha bu chòir càil, a-rèir pàrtaidh Iain Gray.

Tha iadsan ag ràdh gur e an cunntas as cudromaiche am fear air là an taghaidh fhèin.

Agus - gu ìre - tha iad ceart.

Chan eil duine air an taghadh seo a bhuannachadh fhathast.

Ach bheir cunntasan mar seo a' bhuaidh aca fhèin air taghaidhean. An turas-sa, tha iad air buaidh a thoirt air an iomairt mar-thà.

Dà bhòt

Tha na Làbàraich a' dol as àidhcheadh gun tug iad orra an iomairt aca fhèin atharrachadh an t-seachdainn-sa agus iad a' gluasad na h-ionnsaigh aca bho na Tòraidhean chun an SNP.

Tha iad ag ràdh cuideachd gu bheil iad a' sabaid gu cruaidh ann an grunn sgìrean targaid far a bheil na Làbaraich agus an SNP faisg.

'S e an fhìrinn nach eil na cunntasan-bheachd ag innse dhuinn tòrr mu na thachras anns na sgìrean sin, far a bheil na iomairtean a' ruith bho thaigh gu taigh.

Agus, gheibh na Làbaraich barrachd sheataichean bhon chiad bhòt na bhon liosta, a' fàgail gun cur iad cuideam nas motha air na sgìrean.

Aig a' cheart àm, tha bhòt gu math fallain a dhìth air an SNP bhon liosta, far am faigh iadsan nas motha de sheataichean, agus an luchd-taic aca nas sgapte tron dùthaich.

Ach a dh'aindeoin seo uile, tha dragh air na Làbarach mu mheud na beàrn eadar an dà phàrtaidh agus dìreach seachdainn air fhàgail airson a dùnadh.

¶Ùò³¦³ó²¹²õ

Tha iad an dòchas a-nis gun tèid taic ùr nan nàiseantach a phutadh air falbh bhuapa leis an rabhadh aca mu neo-eisimileachd.

'S e an tuairmse a tha aca gu bheil tòrr dhen taic ùir seo a' tighinn  bho dhaoine a tha an aghaidh neo-eisimileachd - coltach ris an Sun, a chuir taic ris an SNP an t-seachdainn a chaidh.

Le cuid dhe na cunntasan-bheachd a' sealltainn gu faodadh mòrchuid a bhith anns a' phàrlamaid ùir airson referendum (eadar an SNP agus na h-Uainich), tha na Làbaraich ag argamaid gu bheil e ro chunnartach bhòtadh airson Ailig Salmond.

Tha an SNP a' freagairt, ag ràdh gu bheil mòrchuid de dhaoine an Alba airson referendum, as bith dè a' bheachd a tha aca air neo-eisimileachd fhèin.

Chan fhada o bha cuid anns a' phàrtaidh Làbarach a' smaointinn gum biodh iad a' buannachadh aig an taghadh seo gun oidhirp sam bith.

Chan ann mar sin a tha cùisean a' coimhead an-dràsta. Biodh dùil agaibh ri oidhirp mhòr bho gach taobh anns an t-seachdainn mu dheireadh.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.