³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

RET agus eile anns na h-Eileanan Siar

Cha robh fios againn aig àm An Là a-raoir gun robh naidheachd a' tighinn bhon SNP air RET.

Ach rinn am pìos aig Dòmhnall MacSuain soilleir gun robh an sgeama na chuspair mhòr aig an taghadh anns na h-Eileanan Siar.

B' ann gu math anmoch a-raoir a fhuair mi fios gum biodh rudeigin mun sgeama ann am manifesto an SNP, a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Agus beagan as dèidh 0800 air Aithris na Maidne, dhearbh Alasdair Allan na bha sinn air aithris mar-thà, gun tèid an sgeama a leudachadh ma bhuannaich an SNP an taghadh.

Tha sin gan cur air an aon ràbh ris na Làbaraich, a chuir gealltanas air a' chùis anns a' mhanifesto acasan.

A-nis, tha an dà phàrtaidh as coltaiche na h-Eileanan Siar  - agus an taghadh air fad - a bhuannachadh ag ràdh gum mair RET as dèidh an taghaidh.

Dubh is geal

Thàinig an clò dubh is geal bhon SNP aig 1100 nuair a dh'fhoillsich iad am manifesto acasan an Glaschu.

Thuirt iad gun leanadh iad le RET air na slighean far an robh e mar-thà, agus gun toireadh iad sùil air leudachadh an sgeama gu eileanan Earra-Ghàidheal agus Chluaidh.

Mar a mhìnich , chan e seo an aon chuspair a tha cudromach aig an taghagh anns na h-Eileanan Siar.

Coltach ri gach sgìre eile, 's iad an eaconomaidh, cosnaidhean agus uallach air seirbhisean poblach na rudan as motha a tha air aire dhaoine.

Ach ann an sgìre iomallach mar seo, le sluagh sgapte, tha uallach sònraichte air an eaconomaidh agus tha e nas duilghe na seirbhisean sin a thoirt seachad.

Tha muinntir nan Eilean Siar ag iarraidh dhòighean gus dèiligeadh ris na trioblaidean sin.

Faisg

Tha an sgìre pàrlamaid seo air a bhith a' dol eadar na Làbaraich agus an SNP o chionn bhliadhnaichean.

Aig an taghadh seo, tha an Làbarach, Dòmhnall Crichton, a' feuchainn ris an sgìre faighinn air ais bho na nàiseantaich.

Air pàipear, chan eil a' mhòrchuid aig Alasdair Allan an seo - agus e 5% air thoiseach air na Làbaraich - a' coimhead cho beag ris na tha ann an sgìrean eile.

Ach leis gu bheil àireamh an t-sluaigh nas lugha nan àbhaist, chan e sin deireadh na sgeòil.

Chan eil ach 687 bhòt eadar an SNP agus na Làbaraich an seo.

Dh'fhaodadh gach tè dhiubh a bhith cudromach, anns na h-Eileanan fhèin, agus air feadh na dùthcha.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.