³ÉÈË¿ìÊÖ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Post sgudail?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2011-04-18, 15:22


Bileagan taghaidh

Ìý

Seo na bileagan a thàinig tron doras agam air an deireadh-sheachdainn:

Am bi sibh fhèin a' leughadh stuth mar seo, neo ga chur anns a' bhiona?

Ged a tha dòighean conaltraidh ùra air tighinn gu bàrr o chionn goirid, tha na pàrtaidhean poileataigeach fhathast a' cur cuideam mòr air an t-sanasachd sheann-fhasanta seo.

Anns an sgìre far a bheil mi-fhìn a' fuireachd 's iad na Làbaraich agus an SNP a tha a' strì gus làmh an uachdair fhaighinn.

Leis gur e sgìre targaid a tha innte, tha an stuth acasan air a bhith a' tighinn tron doras fad greis mhòir mar-thà.

Ach a-nis tha mi air bileag fhaighinn bho na prìomh phàrtaidhean uile.

Targaid

Ged a tha na bileagan fhèin a' coimhead car seann fhasanta ann an saoghal TwitterÌýagus Facebook, tha cuid dhe na pàrtaidhean gan cleachdadh ann an dòigh gu math ùr.

Tha iad a' targaid luchd-bhòtaidh aig ìre glè ionadail.

Nuair a thig iad don doras, mar as trice bi dà cheist aca: cò dha a bhòtas tu, agus dè na rudan as motha a tha cudromach dhut.

('S e iongnadh a bhitheas orra nuair a nochdas iad aig an doras agam agus their mi nach urrainn dhomh freagairt agus mi nam fhear-naidheachd, ach am fuiricheadh iad dà dhiog gus am faigh mi an leabhar-nòta agam.)

Cleachdaidh iad am fiosrachadh seo gus faighinn a-mach cò na daoine a chuireas taic riutha agus dèanamh cinnteach gun tig iad a-mach air an là.

Agus, airson dhaoine nach eil cinnteach, dè an dòigh as fheàrr airson an taic fhaighinn.

Ionadail

Ann an oifis ionadail gin dhe na pàrtaidhean sheall duine bileag dhomh a bha iad a' cur mun cuairt nan taighean faisg orm fhìn.

'S eÌýbileag shònraichte don roinn-chomhairle a bha seo, a' targaid luchd-bhòtaidh aig ìre air leth ionadail.

A-rèir coltais, bha iad air tighinn air ais bho bhruidhinn ri luchd-bhòtaidh anns an sgìre agus chuir iad a' bhileag ri chèile stèidhichte air na draghan a chuala iad aig na dorsan.

Chaidh a clo-bhualadh agus a cur a-mach anns an sgìre an ath là.

Sin fianais - nan robh i a dhìth - gu bheil an iomairt seo a' tachairt aig ìre ionadail agus gum b' urrainn do chùisean ionadail diofar mòr a dhèanamh air toradh an taghaidh.

Agus, gur dòcha gum bu chòir dhuinn sùil a thoirt air bileagan an taghaidh mus cuir sinn iad anns a' bhiona.

³ÉÈË¿ìÊÖ iD

Stiùireadh a’ BhBC

³ÉÈË¿ìÊÖ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.